8.1 Fiosrachadh coitcheann
Fiosrachadh coitcheann
Tha an earrainn seo a’ toirt a-steach fiosrachadh coitcheann a thaobh fios a chur chun UHI.
Tha e a’ gabhail a-steach fiosrachadh mun dòigh a ghearaineas sibh mu UHI, agus mar a leigeas sibh sgrìobhainnean foirmeil air. Is e an t-amas a th’ aice fiosrachadh glè choitcheann a sholar don phobaill. Bidh fiosrachadh nas mionaidiche air a thoirt seachad ann an catagaraidhean eile.
Tuillidh fiosrachaidh mu Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean
Ainm a’ Chatagaraidh |
Tuairisgeul air a’ Chatagaraidh |
Eisimpleirean/Nòtaichean |
Cruth an Fhiosrachaidh |
Cìs |
Fiosrachadh air a Chumail air ais |
Ainm is seòladh |
Ainm na stèidheachd agus seòladh a prìomh oifis. |
Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean |
Ri fhaotainn air an làraich-lìn |
Gun phàigheadh |
|
Na prìomh oifigearan |
Ainmean phrìomh oifigearan na stèidheachd |
Prionnsapal, Iar-phrionnsapalan, deadhain, Rùnaire, Stiùirichean nan gnìomhan rianachd as cudromaiche. Dreuchdan is dleasnasan nan àrd-oifigearan. Dleasnasan agus fios mu eachdraidh-beatha (obrachail) nan daoine a nì co-dhùnaidhean ro-innleachdail agus gnìomhach mu choilionadh obrach agus/no liubhairt sheirbheisean. |
Ri fhaotainn air an làraich-lìn |
Gun phàigheadh |
|
Fiosrachadh conaltraidh |
Fiosrachadh a thaobh mar a chuireas duine fios chun na stèidheachd |
Fiosrachadh mun phuing chonaltraidh thòiseachail a bhoineas ris an raon a tha e coltach a bhios ùidh aig luchd-feòraich ann m.e. toirt a-steach |
Ri fhaotainn air an làraich-lìn |
Gun phàigheadh |
|
Suidheachadh |
Fiosrachadh mu phrìomh shuidheachadh agus suidheachaidhean as cudromaiche na stèidheachd, a’ gabhail a-steach mhapaichean de na h-àrainnean |
Ri fhaotainn air an làraich-lìn |
Gun phàigheadh |
||
Uairean fosglaidh |
Uairean fosglaidh phrìomh oifis(ean) na stèidheachd |
Ri fhaotainn air an làraich-lìn |
Gun phàigheadh |
||
Cinn-latha na bliadhna acadaimigich |
Fiosrachadh mu chinn-latha bhliadhnachan acadaimigeach na stèidheachd |
Cinn-latha na bliadhna acadaimigich làthairich cho math ri bliadhnachan acadaimigeach ri tighinn, cho fhad ’s a bhios fhios |
Ri fhaotainn air an làraich-lìn |
Gun phàigheadh |
|
Saor-làithean |
Na cinn-latha a bhios an stèidheachd druidte |
Druideadh gach bliadhna eadar an Nollaig agus a’ bhliadhn’ ùr |
Ri fhaotainn air an làraich-lìn
|
Gun phàigheadh |
|
Gearanan |
Modhan a thaobh mar a ghearaineas duine mun stèidheachd |
Tha e glè choltach gum bi na mion-phuingean caochlaideach a rèir nàdar a’ ghearain/ghearanaiche. |
Ri fhaotainn air an làraich-lìn |
Gun phàigheadh |
|
Sgrìobhainnean a leigeil air an stèidheachd |
Fiosrachadh conaltraidh airson sgrìobhainnean laghail a leigeil air an stèidheachd, m.e. Òrduighean Cùirt |
An rian a thaobh sgrìobhainnean oifigeil a leigeil air an stèidheachd |
Ri fhaotainn air an làraich-lìn |
Gun phàigheadh |