8.10 Stòrasan fiosaigeach
Facal-toisich
Bidh stèidheachdan am bitheantas an sealbh air tìr no stòrasan mòra iad fhèin. Tha na clasaichean sa chatagaraidh seo a’ gabhail a-steach fiosrachadh aig ìre ro-innleachdail a thaobh rianachd na stèidheachd air na stòrasan fiosaigeach aice. Feumar cuid den fhiosrachadh seo fhoillseachadh fo Riaghailtean Fiosrachaidh Àrainneachdail (Alba) 2004. Faodaidh gum bith fiosrachadh a bheir mion-phuingean sònraichte mu phlanaichean na stèidheachd airson atharrachadh a thoirt air an tìr is na togalaichean aice san àm ri teachd (m.e. ma bhitear am beachd sealbh a bharrachd a cheannach) a bhith air a shaoradh o fhoillseachadh far an dèanadh foillseachadh den t-seòrsa cron air leas malairteach na stèidheachd. Còrr’ uair bidh fiosrachadh air a shaoradh o fhoillseachadh mas e fiosrachadh a th’ ann a dh’fhaodadh, nan leigte ris e, droch bhuaidh mhòr a thoirt air leas malairteach duine sam bith, slàinte cuirp no inntinn no sàbhailteachd duine sam bith a chur an cunnart, droch bhuaidh mhòr a thoirt air coilionadh èifeachdach ghnothaichean poblach, no nam faodadh e bhith na bhriseadh dìomhaireachd a bhiodh buailteach do cheuman laghail.
Àrainnean Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean
Ainm a’ Chatagaraidh |
Tuairisgeul air a’ Chatagaraidh |
Eisimpleirean/Nòtaichean |
Cruth an fhiosrachaidh |
Cìs |
Fiosrachadh air a chumail air ais |
Tuairisgeul air an tìr is na togalaichean |
Sealladh coitcheann air tìr is togalaichean na stèidheachd |
Suidheachadh, meud is staid nan togalaichean cudromach agus am feum a nithear dhiubh. Togalaichean clàraichte |
Ri fhaotainn air an làraich-lìn |
Gun phàigheadh |
|
Planaichean airson leasachadh an tìr is nan togalaichean |
Planaichean airson atharrachaidhean mòra ris an tìr is na togalaichean, a’ gabhail a-steach phlanaichean a bhith a’ cleachdadh maoineachadh calpa mòr. |
Molaidhean a bhith a’ toirt cruth-atharrachadh cudromach a dh’aithghearr air an tìr is na togalaichean m.e. a bhith a’ cur ris an tìr is na togalaichean no a bhith a’ faotainn rèidh ’s eileamaidean cudromach |
Gun phàigheadh |
Chan fhoillsichear fiosrachadh far an toireadh sin droch bhuaidh mhòr air ar leas malairteach fo R.33 den Achd. |
|
Aitreabhan a tha gan togail |
Geàrr-chunntas air aitreabhan a tha gan togail |
Ri fhaotainn air an làraich-lìn |
Gun phàigheadh |
||
Cumail suas |
Rèiteachaidhean is poileasaidhean a thaobh togalaichean is tìr a chumail suas |
Rèiteachaidhean is clàran-ama fad-ùineach/socraichte airson cumail suas. Mar a dh’iarrar obraichean càiridh |
Ri fhaotainn air an làraich-lìn |
Gun phàigheadh |
|
Comharraidhean coilionaidh airson an tìr is nan togalaichean |
Comharraidhean coilionaidh a thaobh fheuman as cudromaiche an tìr is nan togalaichean |
Gun phàigheadh |
Chan fhoillsichear fiosrachadh far am briseadh sin dìomhaireachd fo R.36 den Achd. |
||
Poileasaidhean a thaobh na h-àrainneachd |
Poileasaidhean is cleachdaidhean na stèidheachd a thaobh na h-àrainneachd agus sealladh farsaing air an èifeachd aca |
Caitheamh lùtha Poileasaidhean is rèiteachaidhean ath-chuairteachaidh Poileasaidhean is rèiteachaidhean siubhail Poileasaidhean seasmhachd Fiosrachadh a dh’fheumar foillseachadh fo Riaghailtean Fiosrachaidh Àrainneachdail (Alba) |
Ri fhaotainn air an làraich-lìn |
Gun phàigheadh |