8.12 Co-ionannachd is iol-ghnèitheachd
Facal-toisich
Bheir an catagaraidh seo fiosrachadh mu phoileasaidhean is ro-innleachdan na stèidheachd a thaobh co-ionannachd is iol-ghnèitheachd. Còrr’ uair bidh fiosrachadh air a shaoradh o fhoillseachadh ma bhios fiosrachadh pearsanta ann, no fiosrachadh a dh’fhaodadh, nan leigte ris e, droch bhuaidh mhòr a thoirt air leas malairteach duine sam bith, slàinte cuirp no inntinn no sàbhailteachd duine sam bith a chur an cunnart, droch bhuaidh mhòr a thoirt air coilionadh èifeachdach ghnothaichean poblach, no nam faodadh e bhith na bhriseadh dìomhaireachd a bhiodh buailteach do cheuman laghail.
Poileasaidhean co-ionannachd Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean
Ainm a’ Chatagaraidh |
Tuairisgeul air a’ Chatagaraidh |
Eisimpleirean/Nòtaichean |
Cruth an fhiosrachaidh |
Cìs |
Fiosrachadh air a chumail air ais |
Poileasaidhean is iùl a thaobh co-ionannachd chothroman |
Poileasaidhean, aithrisean, modhan-obrach is iùl a thaobh co-ionannachd is iol-ghnèitheachd |
Poileasaidhean, aithrisean, modhan-obrach, iùl, agus planaichean gnìomhachaidh a bhuineas ri adhartachadh, liubhairt agus dearbhadh co-ionannachd chothroman a thaobh nam buidhnean a tha dleasnas laghail air an oilthigh air an son an co-cheangal ri co-ionannachd is iol-ghnèitheachd |
Ri fhaotainn air an làraich-lìn |
Gun phàigheadh |
|
Co-chomhairleachadh mu cho-ionannachd chothroman |
Fiosrachadh mu mhodhan-obrach co-chomhairleachaidh a tha a dhìth a bhith a’ coilionadh dhleastanasan co-ionannachd reachdail |
Aithisgean air toraidhean co-chomhairleachaidh ri riochdairean bhuidhnean nach eil air an riochdachadh gu cothromach a rèir an reachdais cho-ionannachd a tha an gnìomh aig an àm seo, m.e. luchd-obrach is oileanaich à beag-chodaichean cinneadail, le ciorraman, agus an fheadhainn nach eil air an riochdachadh gu cothromach a thaobh gnè |
Ri fhaotainn tro iarrtas. |
Gun phàigheadh |
Chan fhoillsichear fiosrachadh far am briseadh sin dìomhaireachd fo R.36 agus/no ar leas malairteach fo R.33 den Achd |
Bun-structar rianachd co-ionannachd |
Fiosrachadh mu chomataidhean is buidhnean eile a tha an sàs ann a bhith a’ socrachadh phoileasaidhean co-ionannachd is iol-ghnèitheachd |