8.13 Taic do dhaoine ciorramach
Facal-toisich
Bheir an catagaraidh seo fiosrachadh mu phoileasaidhean, modhan-obrach is taic na stèidheachd do dhaoine ciorramach, a’ gabhail a-steach fiosrachadh mu ruigsinneachd nam prìomh thogalaichean is seirbheisean. Còrr’ uair bidh fiosrachadh air a shaoradh o fhoillseachadh ma bhios fiosrachadh pearsanta ann, no fiosrachadh a dh’fhaodadh, nan leigte ris e, droch bhuaidh mhòr a thoirt air leas malairteach duine sam bith, slàinte cuirp no inntinn no sàbhailteachd duine sam bith a chur an cunnart, droch bhuaidh mhòr a thoirt air coilionadh èifeachdach ghnothaichean poblach, no nam faodadh e bhith na bhriseadh dìomhaireachd a bhiodh buailteach do cheuman laghail.
Comhairle mu chiorraman do dh’oileanaich Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean
Ainm a’ Chatagaraidh |
Tuairisgeul air a’ Chatagaraidh |
Eisimpleirean/Nòtaichean |
Dòigh |
Cìs |
Fiosrachadh air a chumail air ais |
Poileasaidhean ciorraim |
Poileasaidhean, modhan-obrach is iùl a thaobh taic do dhaoine ciorramach |
Faodaidh gum bi stèidheachdan ag iarraidh tar-iomradh a dhèanamh ri catagaraidh 12, “Poileasaidhean Co-ionannachd is Iol-ghnèitheachd” |
Ri fhaotainn air an làraich-lìn |
Gun phàigheadh |
|
Structaran taic |
Tuairisgeul air structaran taic na stèidheachd airson chùisean ciorraim |
Dèantar tar-iomradh ri “Ruigsinneachd thogalaichean is sheirbheisean” fo chatagaraidh 10, “Stòrasan Fiosaigeach” |
Ri fhaotainn air an làraich-lìn |
Gun phàigheadh |
|
Ruigsinneachd thogalaichean is sheirbheisean |
Fiosrachadh mu ruigsinneachd gach aon de phrìomh thogalaichean is seirbheisean na stèidheachd |
Bu chòir do stèidheachdan fiosrachadh san fharsaingeachd a sholar mu ruigsinneachd m.e. a’ gabhail a-steach fiosrachadh do dhaoine le ciorraman claisneachd no lèirsinn |
Ri fhaotainn air an làraich-lìn |
Gun phàigheadh |
|
Luchd-conaltraidh |
Brath a thaobh mar a gheibhear fiosrachadh mu thaic do dhaoine ciorramach |
Far a bheil rèiteachaidhean sgapte aig stèidheachdan mòra bu chòir brath iomchaidh a thoirt mu phuingean conaltraidh cudromach eile. |
Ri fhaotainn air an làraich-lìn |
Gun phàigheadh |
|
Ro-innleachdan |
Ro-innleachdan na stèidheachd airson taic do dhaoine ciorramach a leasachadh, agus innleachdan a bhith gan sgrùdadh seo |
Ri fhaotainn air an làraich-lìn |
Gun phàigheadh |
||
Staitistig |
Geàrr-staitistig mu thaic airson ciorraman taobh a-staigh den stèidheachd. |
Staitistig air àireamhan an luchd-obrach is nan oileanach air a bheil seòrsaichean sònraichte de chiorram (ach le bhith a’ cuimhneachadh na buaidhe a dh’fhaodadh a bhith aig an Achd Dìon Dàta). |
Ri fhaotainn air an làraich-lìn |
Gun phàigheadh |