8.16 Seirbheisean fiosrachaidh
Facal-toisich
Is e a tha fo aire sa chatagaraidh seo na gnìomhan taobh a-staigh den stèidheachd a bheir cothrom air fiosrachadh do shluagh nan oileanach agus do luchd-obrach acadaimigeach is clèireachail an dà chuid. Tha seo a’ gabhail a-steach leabharlannan, seirbheisean coimpiutaireachd, seirbheisean tasglainn, agus seirbheisean taic fiosrachaidh.
Faodaidh gum bi gnìomhan den t-seòrsa gan stiùireadh air leth o chèile, no air an cur còmhla ann an caochladh dhòighean. Bidh na seirbheisean seo gu gnàthach a’ mìneachadh nan goireasan aca (agus nan cumhaichean airson feum a dhèanamh dhiubh) do dh’oileanaich, luchd-obrach agus am mòr-shluagh agus is e fiosrachadh den t-seòrsa seo a tha air a ghabhail a-steach sa chatagaraidh seo.
Còrr’ uair bidh fiosrachadh air a shaoradh o fhoillseachadh ma bhios fiosrachadh pearsanta ann, no fiosrachadh a dh’fhaodadh, nan leigte ris e, droch bhuaidh mhòr a thoirt air leas malairteach duine sam bith, slàinte cuirp no inntinn no sàbhailteachd duine sam bith a chur an cunnart, droch bhuaidh mhòr a thoirt air coilionadh èifeachdach ghnothaichean poblach, no nam faodadh e bhith na bhriseadh dìomhaireachd a bhiodh buailteach do cheuman laghail.
Barrachd mu sheirbheisean ionnsachaidh is fiosrachaidh Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean
Ainm a’ Chatagaraidh |
Tuairisgeul air a’ Chatagaraidh |
Eisimpleirean/Nòtaichean |
Cruth an fhiosrachaidh |
Cìs |
Fiosrachadh air a chumail air ais |
Goireasan leabharlainn |
An cothrom a th’ ann air goireasan leabharlainn agus na cumhaichean a thaobh feum a dhèanamh dhiubh |
Fiosrachadh a thaobh cò a gheibh cothrom air siostaman is seirbheisean agus na goireasan air am faigh iad cothrom. Uairean fosglaidh leabharlannan. Riaghailtean is cumhaichean uisneachaidh san fharsaingeachd (m.e. a thaobh smocadh, òl, itheadh, fònaichean làimhe a chleachdadh; poileasaidhean a thaobh an lagha de leithid dlighe-sgrìobhaidh; feum a dhèanamh de sheirbheisean nàiseanta/air an taobh a-muigh.) |
Ri fhaotainn air an làraich-lìn |
Gun phàigheadh |
|
Goireasan coimpiutaireachd |
An cothrom a th’ ann air goireasan coimpiutaireachd agus na cumhaichean a thaobh feum a dhèanamh dhiubh |
Fiosrachadh a thaobh cò a gheibh cothrom air siostaman is seirbheisean agus na goireasan air am faigh iad cothrom. Uairean fosglaidh mheanbh-obair-lannan. Riaghailtean is cumhaichean a chleachdadh san fharsaingeachd (m.e. a thaobh smocadh, òl, itheadh, fònaichean làimhe a chleachdadh; poileasaidhean a thaobh an lagha de leithid dlighe-sgrìobhaidh; puist dhealain gun iarraidh / bomadh) Còd cleachdaidh coimpiutaireachd. Riaghailtean dìon dàta. Feum a dhèanamh de sheirbheisean nàiseanta/air an taobh a-muigh. Bu chòir fiosrachadh a ghabhail a-steach an seo cuideachd mu logadh, sgrùdadh agus na modhan-obrach a leanar ma bhrisear na cumhaichean uisneachaidh. |
Ri fhaotainn air an làraich-lìn |
Gun phàigheadh |
|
Goireasan fiosrachaidh eile |
An cothrom a th’ ann air goireasan agus na cumhaichean a thaobh feum a dhèanamh dhiubh |
Ri fhaotainn air an làraich-lìn |
Gun phàigheadh |
Measar gu bheil stuth a tha ann an stòir-dhàta “so-ruigsinn air dòigh eile” fo R.25 den Achd. |
|
Prìomh sgrìobhainnean ro-innleachd |
Amasan is ro-innleachdan àrd-ìre nan aonad sheirbheisean fiosrachaidh |
Amasan gach roinn an co-theacs an àite a th’ aice sa bhuidhinn, tuairisgeul air an t-seirbheis a bheirear agus, far am bi e iomchaidh, còrdaidhean a thaobh ìre seirbheis. |
Gun phàigheadh |
||
Cruinneachaidhean |
Farsaingeachd nam prìomh chruinneachaidhean a tha gan cumail leis an stèidheachd |
Leabhraichean-iùil is catalogan mu chruinneachaidhean, a’ gabhail a-steach catalog cothrom poblach an leabharlainn. Rèiteachaidhean airson cothrom air na stuthan, a’ gabhail a-steach chìsean |
Gun phàigheadh |
Bidh stuth air a bheil iomradh ann an catalogan air a shaoradh airson a’ chuid as motha mar stuth a tha ‘so-ruigsinneach air dòigh eile’ fo r.25 den Achd, leis gu bheil e ri fhaotainn a rèir a’ Chatagaraidh ‘Goireasan Leabharlainn’ gu h-àrd |
|
Ro-innleachd chruinneachaidhean |
Ro-innleachdan a thaobh rianachd is gleidheil chruinneachaidhean |
Ro-innleachdan a thaobh rianachd is gleidheil chruinneachaidhean, a’ gabhail a-steach a’ phoileasaidh air a bhith a’ faotainn rèidh ’s stoc |
Gun phàigheadh |
||
Tasglannan fosgailte |
Fiosrachadh mu chlàran a tha gan cumail an goireasan tasglainn na stèidheachd ri an gleidheil gu buan agus air an comharrachadh a bhith fosgailte, ge sam bith dè an ceann-latha cruthachaidh. |
Tha an catagaraidh seo a’ gabhail a-steach fiosrachadh mu gach uile stuth tasglannach treas pàrtaidh a thugadh na thiodhlac don stèidheachd ri a ghleidheil gu buan agus air a bheil cothrom coitcheann. Faodaidh gum bi cruinneachaidhean tasglainn ionadail aig sgoiltean no roinnean taobh a-staigh den stèidheachd airson cuideachadh le gnìomhan rianachd no rannsachaidh. Tha an ceann-latha air an do ghabhadh ris a’ Mhodail Sgeama Foillseachaidh neo-bhointealach don chatagaraidh seo. Leabhraichean-iùil is catalogan mu thasglannan fosgailte Rèiteachaidhean airson cothrom air na stuthan, a’ gabhail a-steach chìsean |
Gun phàigheadh |
Bidh stuth air a bheil iomradh ann an catalogan air a shaoradh airson a’ chuid as motha mar stuth a tha ‘so-ruigsinneach air dòigh eile’ fo r.25 den Achd, leis gu bheil e ri fhaotainn a rèir a’ Chatagaraidh ‘Goireasan Leabharlainn’ gu h-àrd |
|
Goireasan tasglainn eile is cruinneachaidhean sònraichte |
Tuairisgeul air goireasan tasglainn is cruinneachaidhean sònraichte na stèidheachd |
Tha an catagaraidh seo a’ gabhail a-steach fiosrachadh mun dà chuid stuth tasglannach a bhuineas ri gnothach na stèidheachd agus stuth tasglannach treas pàrtaidh a thugadh na thiodhlac don stèidheachd ri a ghleidheil gu buan is cuingealachadh cothruim air a chur air leis an neach a thug e. Catalogan tasglannach (làmh-ghleusach no air loidhne) no stuth eile a bheir tuairisgeul air cruinneachaidhean tasglannach Cothrom air tasglannan / feum a dhèanamh dhiubh, a’ gabhail a-steach chìsean Faodaidh gum bi cruinneachaidhean sònraichte ionadail aig sgoiltean no roinnean fa leth taobh a-staigh den stèidheachd. Leabhraichean-iùil is catalogan mu ghoireasan tasglainn eile is cruinneachaidhean sònraichte. Rèiteachaidhean airson cothrom air na stuthan, a’ gabhail a-steach chìsean |
Mar as àbhaist is ann le bhith a’ toirt sùil orra air làrach na stèidheachd foghlaim àrd-ìre a chithear catalogan làmh-ghleusach |
Gun phàigheadh |
Bidh stuth air a bheil iomradh ann an catalogan air a shaoradh airson a’ chuid as motha mar stuth a tha ‘so-ruigsinneach air dòigh eile’ fo r.25 den Achd, leis gu bheil e ri fhaotainn a rèir a’ Chatagaraidh ‘Goireasan Leabharlainn’ gu h-àrd |