8.2 Cothrom air fiosrachadh fhaicinn agus Poileasaidhean Rianachd Chlàraidhean

susbaint

Tha an catagaraidh seo ag innse do dhaoine mar a dh’iarras iad fiosrachadh air an stèidheachd, fon Achd Shaorsa Fiosrachaidh (Alba) agus an Achd Dìon Dàta an dà chuid. Tha e cuideachd a’ gabhail a-steach mhodhan-obrach na stèidheachd a thaobh nan achdan seo.

Ainm a’ Chatagaraidh

Tuairisgeul air a’ Chatagaraidh

Eisimpleirean/Nòtaichean

Cruth an Fhiosrachaidh

Cìs

Fiosrachadh air a Chumail air ais

Mar a dh’iarras duine fiosrachadh agus an neach a dh’fheumar fios a chur da ionnsaigh airson cheistean saorsa fiosrachaidh.

Brath mun dòigh a dh’iarras duine fiosrachadh air an stèidheachd fon Achd Shaorsa Fiosrachaidh (Alba), an Achd Dìon Dàta, agus na Riaghailtean Fiosrachaidh Àrainneachdail (Alba). Puing-chonaltraidh mheadhanail airson cheistean Saorsa Fiosrachaidh.

Ainm, seòladh is fiosrachadh conaltraidh prìomh phuing-chonaltraidh na Stèidheachd airson iarrtasan.

Ri fhaotainn air an làraich-lìn

Gun phàigheadh

 

Poileasaidhean air reachdas fiosrachaidh

Poileasaidhean is modhan-obrach na stèidheachd a thaobh Saorsa Fiosrachaidh, Dìon Dàta agus Fiosrachadh Àrainneachdail

Gabhtar a-steach fiosrachadh a thaobh ath-sgrùdaidhean iarraidh no gearanan a dhèanamh, agus modhan-obrach airson làimhseachadh iarrtasan fiosrachaidh leis a’ chuspair. Liosta chìsean airson fiosrachadh àrainneachdail a bheirear seachad mar fhreagairt air iarrtasan fo Riaghailtean Fiosrachaidh Àrainneachdail 2004, ma bhios an t-ùghdarras a’ cur prìs air fiosrachadh àrainneachdail.

Ri fhaotainn air an làraich-lìn

Gun phàigheadh

 

Poileasaidh rianachd chlàran agus tasglannachd

Poileasaidhean is iùl a thaobh nam poileasaidhean againn air rianachd chlàran, clàran is fiosrachadh a ghleidheil agus tasglannachd.

Brath mu phoileasaidhean, dòighean-obrach is iùl a thaobh rianachd chlàran, clàran is fiosrachadh a ghleidheil agus tasglannachd, mar a chumar ris an achd dìon dàta is an achd saorsa fiosrachaidh

Ri fhaotainn air an làraich-lìn

Gun phàigheadh