8.9 Goireasan daonna
Facal-toisich
Is e a bheirear sa chatagaraidh seo fiosrachadh mu ro-innleachd is stiùireadh ghoireasan daonna san stèidheachd, seach fiosrachadh mu bhuill fa leth den luchd-obrach (rud a tha air a shaoradh o fhoillseachadh leis gun e fiosrachadh pearsanta a th’ ann). Am measg an fhiosrachaidh a tha ri fhaotainn tha poileasaidhean is modhan-obrach a thaobh an luchd-obrach (a’ gabhail a-steach chumhaichean is cùmhnantan seirbheis agus a h-uile tionntadh làthaireach den fhiosrachadh a tha air a shònrachadh anns gach clas). Còrr’ uair bidh fiosrachadh air a shaoradh o fhoillseachadh ma bhios fiosrachadh pearsanta ann, no fiosrachadh a dh’fhaodadh, nan leigte ris e, slàinte cuirp no inntinn no sàbhailteachd duine sam bith a chur an cunnart, droch bhuaidh mhòr a thoirt air coilionadh èifeachdach ghnothaichean poblach, no nam faodadh e bhith na bhriseadh dìomhaireachd a bhiodh buailteach do cheuman laghail.
Ainm a’ Chatagaraidh |
Tuairisgeul air a’ Chatagaraidh |
Eisimpleirean/Nòtaichean |
Cruth an fhiosrachaidh |
Cìs |
Fiosrachadh air a chumail air ais |
Profaidhl an luchd-obrach |
Fiosrachadh staitisteil air an luchd-obrach |
Fiosrachadh aig ìre na stèidheachd a rèir rang, gnè: Dèantar tar-iomradh ri Co-ionannachd is Iol-ghnèitheachd, catagaraidh 12. |
Tha pàirt den fhiosrachadh ri fhaotainn air an làraich-lìn. Am fiosrachadh nach fhaighear air an làraich-lìn, gheibhear tro iarrtas e |
Gun phàigheadh |
|
Poileasaidhean trusaidh |
Poileasaidhean, aithrisean, modhan-obrach agus iùl a thaobh trusadh |
A h-uile poileasaidh is modh-obrach a thaobh an luchd-obrach. |
Tha pàirt den fhiosrachadh ri fhaotainn air an làraich-lìn. |
||
Cumhaichean fastaidh |
Cumhaichean is cùmhnantan fastaidh coitcheann |
Rangan is ìrean tuarastail. Poileasaidhean eile a thaobh Ghoireasan Daonna, nach eil air an gabhail a-steach ann an catagaraidh sam bith eile. |
|||
Rianachd coilionaidh |
Poileasaidhean is modhan-obrach a thaobh rianachd coilionaidh |
Fiosrachadh mu rèiteachaidhean airson probhadh is measadh |
Am fiosrachadh nach fhaighear air an làraich-lìn, gheibhear tro iarrtas e |
Gun phàigheadh |
|
Àrdachadh |
Poileasaidhean, aithrisean, modhan-obrach, iùl is staitistig a thaobh àrdachadh, atharrachadh rang agus ath-sgrùdaidhean tuarastail |
Fiosrachadh staitisteil mu thoraidhean |
Tha pàirt den fhiosrachadh ri fhaotainn air an làraich-lìn. |
||
Peinnseanan |
Poileasaidhean is iùl a thaobh rèiteachaidhean peinnsein do luchd-obrach |
Ìrean thabhartasan (na stèidheachd agus an duine fa leth) Sochairean agus ìrean cruinneachaidh nan sochairean. Luachaidhean maoineachaidh air sgeamaichean peinnsein |
|||
Smachd |
Modhan-obrach is poileasaidhean a thaobh smachdachadh |
Poileasaidh air sàrachadh is burraidheachd. Poileasaidhean eile a thoabh Ghoireasan Daonna, nach eil air an gabhail a-steach ann an catagaraidh sam bith eile, far am faod ceuman smachdachaidh tighinn nan lùib ma thèid am briseadh. |
Am fiosrachadh nach fhaighear air an làraich-lìn, gheibhear tro iarrtas e |
Gun phàigheadh |
|
Cùisean-gearain |
Modhan-obrach is poileasaidhean a thaobh chùisean-gearain |
Tha pàirt den fhiosrachadh ri fhaotainn air an làraich-lìn. |
|||
Dàimhean ri luchd-obrach |
Modhan-obrach airson barganachadh coitcheann is co-chomhairleachadh ri Aonaidhean Ciùird is Buidhnean Dreuchdail aithnichte agus na h-aontachaidhean a ràineas |
Na h-aontachaidhean a ràineas fo na modhan-obrach seo |
|||
Foillseachadh a chum leas a’ phobaill |
Fiosrachadh a tha a dhìth airson cumail ris an Achd Foillseachaidh a chum Leas a’ Phobaill |
Am fiosrachadh nach fhaighear air an làraich-lìn, gheibhear tro iarrtas e |
Gun phàigheadh |
||
Leasachadh luchd-obrach |
Poileasaidhean is modhan-obrach a thaobh leasachadh leantainneach luchd-obrach |
Rèiteachaidhean inntrigidh. Cothrom air trèanadh taobh a-staigh agus taobh a-muigh den stèidheachd |
Tha pàirt den fhiosrachadh ri fhaotainn air an làraich-lìn. |
||
Clàran luchd-obrach |
Poileasaidh na stèidheachd a thaobh fiosrachadh pearsanta mun luchd-obrach a chruinneachadh, a chumail suas is a chur gu feum. |
Poileasaidhean is modhan-obrach a bhuineas ri cruinneachadh, dearbhadh cumail suas agus sgriosadh dàta, rianachd an t-siostaim chlàran luchd-obrach e fhèin, agus riarachadh dhleastanasan air luchd-obrach. Rèiteachaidhean airson dàta a sholar do BSFA[1], CMAFAA[2] agus buidhnean eile aig a bheil còirichean reachdail air dàta. |
|||
Goireasan do luchd-obrach |
Tuairisgeul air na goireasan is na seirbheisean a tha ri am faotainn do bhuill den luchd-obrach a-mhàin. |
Faodaidh gum bi stèidheachdan ag iarraidh tar-iomradh a dhèanamh air fiosrachadh den aon seòrsa mu ghoireasan is seirbheisean a tha ri am faotainn do dh’oileanaich no don choimhearsnachd ionadail. |
Am fiosrachadh nach fhaighear air an làraich-lìn, gheibhear tro iarrtas e |
Gun phàigheadh |
[1] BSFA – Buidheann Staitistig Foghlaim Àrd-ìre
[2] CMAFAA – Comhairle Mhaoineachaidh na h-Alba airson Foghlam Adhartach is Àrd-ìre (CMA)