Oileanach arc-eòlais ga dhèanamh dà bhliadhna ann an sreath airson Colaiste Arcaibh UHI
Chaidh oileanach arc-eòlais stèidhichte aig Colaiste Arcaibh UHI ainmeachadh mar bhuannaiche duais oileanach foghlaim àrd-ìre na bliadhna aig Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean. An-uiridh bhuannaich oileanaich Arcaibh an dà chuid duais foghlaim àrd-ìre agus duais iar-cheumnach, le buannaiche na duaise for-cheum cuideachd a’ sgrùdadh arc-eòlas.
Air a thaghadh bho inntrigidhean thar nan trì com-pàirtichean acadaimigeach fa leth aig an oilthigh, Gary Lloyd (63) à Liverpool bho thùs ach a tha a-nis a’ fuireach ann an Bàgh na h-Eaglaise às dèidh dha fuireach anns na Stàitean Aonaichte airson 45 bliadhna, fhuair e oileanach foghlaim àrd-ìre na bliadhna mar chomharra air a choileanadh acadaimigeach air leth agus an dòigh ùr aige air a dhol faisg air arc-eòlas.
B’ e Gary, a cheumnaich o chionn ghoirid le ceum arc-eòlais BA (le Urram) den chiad ìre, a’ chiad fho-cheumnach a rinn greis gnìomhachais aig Ionad Sgrùdaidh Àrainneachd Oilthighean na h-Alba ann an Cille Bhrìghde an Ear - bidh an t-ionad a’ dèanamh obair speisealta a’ toirt a-steach deiteadh rèidio-carboin. Chaidh an sgrùdadh tràchdas aige, a’ dèanamh anailis air na pàtranan caitheamh air grìogagan glainne bho Linn an Iarainn, a chur air adhart airson duais tràchdas Comann Ro-eachdraidheil Bhreatainn. Tha Gary a-nis ag ionnsachadh airson ceum maighstireachd ann an eòlas arc-eòlais.
A’ faighinn a dhuais, thuirt e:
“Cha robh mi idir an dùil ris, agus tha mi uamhasach toilichte urram fhaighinn mar seo. Is mòr a’ bhuannachd a fhuair mi às a bhith ag ionnsachadh aig Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean agus is e an taic agus an stiùireadh a gheibh mi bho òraidichean agus luchd-obrach na colaiste an t-adhbhar as motha air mar a shoirbhich mi an seo.
Ged a bha e a’ ciallachadh gun robh agam ri imrich a dhèanamh bho Dallas, Texas, roghnaich mi a bhith ag ionnsachadh aig Institiud Àrc-eòlais Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean ann an Arcaibh a chionn is gu bheil i a’ tabhann an dlùth-cheangail ri càch a gheibh duine ann an sgoil nas lugha còmhla ri goireasan an lìonra nas fharsainge. A bharrachd air an sin, tha an rannsachadh a tha luchd-obrach an oilthigh a’ dèanamh aig cuid de làraichean àrc-eòlais ainmeil Arcaibh a’ toirt chothroman air leth. B’ urrainn dhomh na trì samhraidhean a dh’fhalbh a chur seachad ag obair an dà chuid air an làraich o Linn Ùr na Cloiche ann an Ness of Brodgar, agus air a’ bhrugh o Linn an Iarainn aig na Cairns. Fiosrachaidhean a thug dhomh na stuthan airson dà phròiseact rannsachaidh gun samhail. Aig a’ cheann thall, tha mi an dòchas gun dèan mi PhD an seo leis gu bheil mi fhèin is mo bhean air taigh a cheannach agus gur ann ann an Arcaibh a nì sinn ar dachaigh a-nis”.
Thuirt Scott Timpany, òraidiche agus stiùiriche prògram airson arc-eòlas, gu robh an t-ainmeachadh aige air a bhith a’ faighinn taic bho gach ball den roinn arc-eòlais:
“Tha an duais seo chan ann a-mhàin ag aithneachadh euchdan acadaimigeach iongantach Gary, ach cuideachd an dòigh ùr aige air a dhol faisg air arc-eòlas agus a dhealas airson sgrùdadh an dà chuid aig an t-oilthigh agus ann an Arcaibh. Tha sinn a’ coimhead air adhart le dùil a dh’fhaicinn an ath rud a tha e a’ dol a dhèanamh leis na sgrùdaidhean for-cheum aige."
Thug an t-Àrd-ollamh Crichton Lang, Prionnsapal agus Iar-Sheansalair Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean (Eadar-amail) iomradh air buileachadh dhuaisean oileanach iomlan na bliadhna dha na ceumnaichean:
“Tha an t-oilthigh moiteil às a h-uile oileanach a fhuair duaisean a bharrachd air na duaisean acadaimigeach aca am-bliadhna. Tha na duaisean sin agus duaisean aithneachaidh eile nan coileanaidhean sònraichte dha na h-oileanaich, agus gu tric tha iad a’ nochdadh chan e a-mhàin na h-oidhirpean acadaimigeach aca fhèin agus oidhirpean eile, ach cuideachd an taic a fhuair iad bho na h-òraidichean aca agus luchd-obrach taice, teaghlach is caraidean.
“Tha euchd Gary a’ sealltainn dhuinn, ge bith càite an urrainn dha oileanaich lùth is oidhirp a chur a-steach anns a’ chuspair a thagh iad, eadhon a’ dol tarsainn an t-saoghail airson sgrùdadh, gu bheil na coileanaidhean aca gu math riarachail. Tha mi moiteil gun urrainn dhuinn ruigsinneachd den chiad ìre a thabhann air cuid de na goireasan teagaisg is rannsachaidh as fheàrr san RA ann an Arcaibh, agus tha e ceart airson na dàrna bliadhna ann an sreath, gum bi duais oileanach oilthighe iomlan na bliadhna a’ dol gu oileanach arc-eòlais.”