Ceannard eòlach agus èifeachdach den roinn phoblaich air a cur an dreuchd mar iar-phrionnsapal ùr
Chaidh Vicki Nairn ainmeachadh mar iar-phrionnsapal obrachaidhean aig Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean agus bidh i a’ stiùireadh dealbhadh, leasachadh agus lìbhrigeadh air seirbheisean proifeasanta an oilthighe, a bheir taic do gach cuid raointean acadaimigeach agus corporra, agus riaghladh phrògraman atharrachaidh ro-innleachdail.
Bidh Vicki Nairn a’ tighinn bho Oilthigh Robert Gordon far a bheil i an-dràsta na h-Iar-phrionnsapal obraichean corporra a’ stiùireadh leasachadh, lìbhrigeadh agus buileachadh ro-innleachdan corporra, ionmhasail, malairteach agus ghoireasan.
Bha an t-Àrd-Ollamh Todd Walker, prionnsapal agus iar-sheansalair, air leth toilichte an dàrna iar-phrionnsapal seo a chur an dreuchd don àrd sgioba gnìomha aige: “Tha e na urram, mar iar-sheansalair, fàilte a chuir air dàrna iar-phrionnsapal ùr don àrd-sgioba againn rè cùrsa dìreach aon seachdain.
“Tha eòlas mòr aig Vicki Nairn san dreuchd ùr seo. Tha eòlas math aice air a’ chom-pàirteachas agus an raon obrachaidh againn, an dèidh a bhith na ball neo-eisimeileach de chùirt an oilthighe agus an dèidh 11 bliadhna a chaitheamh mar bhall den sgioba ceannardas aig Comhairle na Gàidhealtachd. Chaidh Vicki fhastadh cuideachd le Riaghaltas na h-Alba gu bòrd Foghlam SNS na h-Alba, a bhios a’ dealbhadh agus a’ lìbhrigeadh foghlam agus trèanadh don NHS againn. Tha i na stiùiriche eòlach air an roinn phoblaich, a’ lìbhrigeadh bhuilean ùr-ghnàthach agus soirbheachail ann am buidhnean mòra iom-fhillte.
“Bidh i ag obair leis a’ chòrr den àrd-sgioba againn gus ar feallsanachd ‘daring to be different’ a stiùireadh, ar lùth a chleachdadh agus àrd-amasan ùra a stèidheachadh gus luachan de sheirbheis phoblach, treibhdhireas agus dealas a thoirt gu cumhachd chruth-atharrachail foghlaim.
Tha Vicki Nairn a’ fuireach anns an Eilean Dubh agus a’ coimhead air adhart ri tòiseachadh sa bhliadhna ùr: “Tha e na urram dhomh gun deach mo thaghadh airson a dhol dhan oilthigh agus tha mi a’ coimhead air adhart ri bhith ag obair le co-obraichean air feadh com-pàirteachas an oilthighe gus am plana ro-innleachdail ùr ‘Daring to be different’ a lìbhrigeadh.
“Tha mi air a bhith a’ fuireach agus ag obair air feadh ceann a tuath na h-Alba airson grunn bhliadhnaichean. Mar sin, tha mi air leth toilichte an cothrom fhaighinn a bhith ag obair le co-obraichean, com-pàirtichean, luchd-ùidhe, gnìomhachas agus coimhearsnachdan ùra gus feum a dhèanamh de na comasan iongantach agus cruth-atharrachail a tha againn san sgìre againn.
Tòisichidh Vicki Nairn san dreuchd aice sa Ghearran 2022.