Eòlaiche seasmhachd eadar-nàiseanta ri òraid bhliadhnail Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean a lìbhrigeadh
Lìbhrigidh an t-Àrd-Ollamh Jeffrey D. Sachs, àrd-ollamh eaconamas ainmeil air feadh an t-saoghail, ùghdar reic agus stiùiriche cruinneil ann an leasachadh seasmhach, òraid bhliadhnail 2021 Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean.
Air a chumail air thoiseach air co-labhairt atharrachadh gnàth-shìde nan Dùthchannan Aonaichte a thèid a chumail ann an Glaschu nas fhaide air adhart am-bliadhna, bidh an òraid a’ sgrùdadh a’ phàirt a th’aig oilthighean ann a bhith a’ dèiligeadh ri èiginn gnàth-shìde agus a’ brosnachadh leasachadh seasmhach.
Bidh an tachartas an-asgaidh a’ gabhail a-steach òraid bhon Ollamh Sachs beò à Ameireaga, far am bi e ag obair mar Stiùiriche air an Ionad airson Leasachadh Seasmhach aig Oilthigh Columbia. Bidh e cuideachd a’ gabhail a-steach seisean ceist is freagairt leis an luchd-èisteachd agus deasbad pannail le luchd-labhairt, nam measg Des Thompson bho NàdairAlba agus Timothy Cornelius bho Global Energy Group. Is e seo a’ chiad òraid bhliadhnail air-loidhne a tha an t-oilthigh air a chumail.
A’ bruidhinn mun tachartas, thuirt an t-Àrd-Ollamh Todd Walker, prionnsapal agus iar-sheansalair an oilthighe: “Tha sinn air leth toilichte gun toir an t-Ollamh Sachs seachad an òraid bhliadhnail 2021 againn. Tha atharrachadh gnàth-shìde agus leasachadh seasmhach mar dhà de na dùbhlain as motha a tha mu choinneimh daonnachd. Bidh e inntinneach a bhith a’ cluinntinn lèirsinn bho eòlaiche cliùiteach eadar-nàiseanta air mar as urrainn dhuinn dèiligeadh ris na cùisean sin agus a’ phrìomh phàirt a th’aig oilthighean ann an seo.”
Thuirt an t-Ollamh Sachs: “Tha fòcas làidir aig Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean air leasachadh dùthchail seasmhach agus bidh e a’ dèanamh sgrùdadh ùr air atharrachadh gnàth-shìde clìomaid. Tha mi air bhioran a bhith a’ toirt seachad òraid bhliadhnail an oilthighe aig àm cho cudromach san deasbad mu atharrachadh gnàth-shìde. Tha prìomh phàirt aig oilthighean agus colaistean ann a bhith a’ dèiligeadh ri èiginn na gnàth-shìde agus a’ brosnachadh leasachadh seasmhach tron teagasg agus tron rannsachadh aca, agus tha mi a’ coimhead air adhart ri bhith a’ bruidhinn air na cùisean sin le oileanaich, luchd-obrach, luchd-labhairt agus luchd-èisteachd.”
Thèid an tachartas air-loidhne an-asgaidh a chumail eadar 5f agus 6f Dimàirt 7 Sultain. Gus tuilleadh fhaighinn a-mach agus clàradh, tadhail air www.uhi.ac.uk/annuallecture