Tagraiche dìoghrasach airson daoine òga air a chur an dreuchd mar chathraiche cùirte ùr an oilthighe
Tha Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean air riaghladair oilthighe agus stiùiriche gnìomhachais, Alasdair MacColla, fhastadh mar chathraiche ùr na cùirte.
Tha Alasdair, a tha a’ fuireach, ag obair agus aig a bheil freumhan domhainn air a’ Ghàidhealtachd, an-dràsta na chathraiche agus na iar-sheansalair air Oilthigh Teesside . Tha e cuideachd na chathraiche air UMi, buidheann fhuasglaidhean gnìomhachais nàiseanta, a stèidhich e mar àrd-oifigear ann an 2007.
Bidh e a’ gabhail àite Garry Coutts a tha a’ seasamh sìos às deidh sia bliadhna de sheirbheis don oilthigh mar reachdair agus seachd bliadhna eile mar chathraiche cùirte.
“Tha mi air leth toilichte a bhith a’ tighinn don oilthigh as ùire ann an Alba aig àm cho brosnachail dha na h-oileanaich, luchd-obrach agus com-pàirtichean acadaimigeach againn,” thuirt Alastair MacColla. “Chan urrainn dhomh feitheamh gus tòiseachadh.”
“Tha sinnsearachd sònraichte aig a h-uile colaiste agus ionad rannsachaidh againn, stèidhichte air cruth-atharrachadh beatha, cumhachd a thoirt do choimhearsnachdan agus neartachadh eaconamaidhean. Tha mi a’ coimhead air adhart ri bhith a’ togail air na neartan sin gus na cothroman air a bheil iad airidh a thabhann do gach oileanach agus àm ri teachd soirbheachail a thòiseachadh don sgìre againn.”
Bha eòlas Alasdair ann a bhith ag obair ann an stèidheachd chatharra le dealas domhainn airson a bhith a’ leudachadh ruigsinneachd, teagasg math agus dealas a thaobh eòlas oileanaich, air leth cudromach airson a chur an dreuchd. Bha prìomh phàirt aige cuideachd aig Oilthigh Teesside ann a bhith a’ gineadh fàs eaconamach agus cothrom dha na coimhearsnachdan air fad a tha e a’ frithealadh.
Bha seo a ’nochdadh co-obrachadh soilleir le rùn Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean a tha an-dràsta a’ tòiseachadh plana ro-innleachdail ùr le feallsanachd ‘ ‘dùraigeadh a bhith diofraichte’. Bha e na thagraiche air leth airson na dreuchd a rèir Andrea Robasdan, iar-chathraiche cùirt an oilthighe a stiùir an rannsachadh:
“Thug dealas Alastair a thaobh an dà chuid foghlam treas-ìre agus an sgìre againn, air seasamh a-mach bhon raon thagraichean aig an robh teisteanas farsaing airson dreuchd cathraiche na cùirte. Tha an tuigse aige air na cothroman a dh’fhaodadh a bhith ann don oilthigh san àm ri teachd, ceangailte gu dlùth ris na rùintean againn airson nam bliadhnaichean ri thighinn agus bidh a chom-pàirt roimhe ann am foghlam àrd-ìre na bhuannachd mhòr. Tha sinn a’ coimhead air adhart gu mòr ri bhith a’ cur fàilte air Alastair gu cùirt an oilthighe.
“Bu mhath leam an cothrom seo a ghabhail cuideachd gus taing a thoirt don Chathraiche Cùirte againn, Garry Coutts, airson na 13 bliadhna de sheirbheis aige don oilthigh agus tha mi an dòchas gun lean e air a bhith na neach-taic luachmhor sna bliadhnaichean ri thighinn."
Bidh a’ chiad latha aig Alasdair na dhreuchd ùr air 1 Lùnastal, leis gum bi com-pàirteachas an oilthighe a’ tòiseachadh air a’ bhliadhna acadaimigich ùir againn.