Tha Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean a’ cur fàilte air prionnsapal ùr air an deicheamh ceann-bliadhna

Cuir bacadh gu Diluain 1 Faoilleach 2021

Tha com-pàirteachas Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean a’ comharrachadh an deicheamh ceann-bliadhna aige an-diugh (Diluain 1 Gearran), an aon latha a tha e a’ cur fàilte air a’ Phrionnsapal agus Iar-Sheansalair ùr aige, an t-Àrd-Ollamh Todd Walker.

Thig an t-Àrd-Ollamh Todd Walker a-steach don oilthigh à Astràilia, far an robh e barrachd is 20 bliadhna ag obair ann an oilthighean ioma-àrainneach, sgìreil. Bidh e an toiseach ag obair air astar bhon dachaigh aige ann an Cuimrigh a-Deas Nuadh, mus dèan e imrich don Ghàidhealtachd nuair a thig lasachadh air na cuingealachaidhean ionadail a thaobh COVID-19.

Ged a tha tùs an oilthigh a’ dol air ais mòran bhliadhnaichean, chaidh inbhe oilthigh a thoirt don chom-pàirteachas gu h-oifigeil leis a’ Chomhairle Dhìomhair air 1 Gearran 2011. Bidh luchd-obrach agus oileanaich a’ comharrachadh na cloiche-mìle seo tro chaochladh thachartasan thairis air na sia mìosan a tha romhainn, a’ toirt a-steach sreath de sheiminearan poblach air-loidhne agus farpais sna meadhanan sòisealta.

Thòisich am pròiseact gus oilthigh a stèidheachadh sa Ghàidhealtachd agus na h-Eileanan ann an 1991 nuair a stèidhich Comhairle na Gàidhealtachd buidheann-stiùiridh. Bha am plana gus cothroman foghlaim àrd-ìre a thabhann tro na colaistean agus na h-institiudan rannsachaidh a bh’ ann mar a bha a’ ciallachadh gum faodadh cùrsaichean a bhith air an lìbhrigeadh do luchd-ionnsachaidh air feadh na sgìre is gun feum aca an dachaigh fhàgail. Shuidhich am pròiseact, a fhuair maoineachadh tro Choimisean na Mìle Bliadhna, an t-slighe airson Institiud Mìle Bliadhna UHI a chruthachadh ann an 2001. Tha an com-pàirteachas a’ toirt seachad cheumannan bho 2008 agus rinn e an t-oilthigh as ùire ann an Alba ann an 2011.

Is ann aig com-pàirteachas an oilthigh a tha an sluagh as motha de dh’oileanaich ann an Alba a-nis, agus faisg air 40,000 oileanach a’ dèanamh cùrsaichean colaiste is oilthigh gach bliadhna. Tha e na thùsaire ann an ionnsachadh measgaichte, agus e a’ cleachdadh co-labhairt bhideo, teicneòlasan air-loidhne agus teagasg aghaidh-ri-aghaidh gus foghlam a lìbhrigeadh air feadh na sgìre agus nas fhaide às. Tha farsaingeachd de shàr-eòlas rannsachaidh aig a’ chom-pàirteachas cuideachd, le fòcas air feumalachdan sòisealta, cultarail agus eaconamach nan coimhearsnachdan a tha e a’ frithealadh.

Am measg nam prìomh leasachaidhean aige anns na deich bliadhna a chaidh seachad thàinig e gu bhith mar a’ bhuidheann ro-innleachdail sgìreil airson foghlam adhartach sa Ghàidhealtachd agus na h-Eileanan, chaidh còrr is 69% den rannsachadh aige a mheas a bhith ‘air thoiseach aig an ìre dhomhanta’, dh’fhosgail e meanbh-àrainn aig Institiud Innleadaireachd Hunan ann an Sìona agus fhuair e cumhachdan a cheuman rannsachaidh fhèin a bhuileachadh. An-uiridh, fhuair measadh buaidh eaconamach neo-eisimeileach gu bheil an com-pàirteachas a’ cur £560 millean ri eaconamaidhean na Gàidhealtachd is nan Eilean, Mhoireibh agus Shiorrachd Pheairt gach bliadhna agus a’ cumail suas 6,200 obair.

 Agus e a’ bruidhinn mu dheicheamh ceann-bliadhna chom-pàirteachas an oilthigh, thuirt Garry Coutts, Cathraiche Chùirt an Oilthigh: “Tha cuimhne agam fhathast air an latha a thàinig sinn gu bhith nar n-oilthigh làn-chuimsichte. B’ e àm an aoibhneis agus clach-mhìle mhòr nar n-eachdraidh a bh’ ann. Do dh’iomadh duine b’ e sin toradh nan deicheadan de dh’obair chruaidh. Agus tha sinn gu mòr an comain nan oidhirpean air fad leis an do ràinig sinn an ìre sin. Ach feumaidh sinn daonnan cuimhneachadh gum b’ e rudan fada na bu mhotha a bha air ar n-aire na dìreach a bhith ag ràdh gum b’ e oilthigh a bh’ annainn. Feumaidh sinn a bhith nar taigh-cumhachd mar a chaidh a ghealltainn airson leasachadh eaconamach, cultarach agus sòisealta. Tha mi a’ smaoineachadh gu bheil sinn air adhartas mòr a dhèanamh a thaobh sin agus tha mi cinnteach gun lean sinn oirnn leis an àrd-amas sin."

Thuirt Ceann-suidhe Chomann Oileanaich na Gàidhealtachd agus nan Eilean, Florence Jansen: “Tha mi air leth toilichte gu bheil HISA a’ gabhail pàirt sa ghàirdeachas a tha ga dhèanamh airson na stèidheachd againn. Tha Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean air mòran chothroman a thoirt do dh'Alba agus do na h-oileanaich againn, agus tha a nàdar co-obrachail gun choimeas air feadh na dùthcha. Chan eil ann an HISA ach aon den iomadh soirbheachadh a bh’ aig an oilthigh agus tha mi gu mòr a’ deanamh togail ri bhith a’ faicinn an dithis againn a’ fàs fhathast san àm a tha romhainn. Tha sinn airson fàilte chridheil a chur air ar prionnsapal agus iar-sheansalair ùr, an t-Àrd-Ollamh Todd Walker, agus tha sinn a’ dèanamh fiughair ri rath a thaobh a bhith ag obair ann an com-pàirteachas san àm ri teachd.”

Thuirt an t-Àrd-Ollamh Walker: “Tha mi a’ cur meal-an-naidheachd air an oilthigh air an deicheamh ceann-bliadhna aige agus a’ moladh a luchd-stèidheachaidh, agus na chuir iad romhpa a thaobh foghlam treas ìre don Ghàidhealtachd is na h-Eileanan a-nis air a thoirt gu buil. Air mo shon-sa dheth, tha mi air leth toilichte a bhith a’ tighinn chun chom-pàirteachas an oilthigh air an deicheamh ceann-bliadhna aige. Tha mi a’ dèanamh fiughair ri bhith a’ co-obrachadh le luchd-obrach is oileanaich, com-pàirtichean is prionnsapalan, a’ choimhearsnachd is an riaghaltas, agus sinn a’ togail is a’ neartachadh com-pàirteachas an oilthigh ann a bhith a’ cumadh na buidhne iongantaich seo airson nan deich bliadhna a tha romhainn.”

A dh’iarraidh tuilleadh fiosrachaidh mu dheicheamh ceann-bliadhna chom-pàirteachas an oilthigh, tadhlaibh air www.uhi.ac.uk/birthday