Sreath sheiminearan an-asgaidh gus sgrùdadh a dhèanamh air mar as urrainn do phrìomh roinnean taic a thoirt do shlànachadh às deidh COVID
Tha Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean air fiosrachadh fhoillseachadh mu shreath seiminearan poblach an-asgaidh.
Bidh na tachartasan air-loidhne, a tha mar phàirt de chomharrachadh co-latha-breith deich bliadhna com-pàirteachas an oilthighe, a’ sgrùdadh mar as urrainn do phrìomh roinnean cur ri slànachadh na sgìre às deidh COVID.
Air ainmeachadh an dèidh an fhacail Ghàidhlig airson ‘leading’, bidh an t-sreath ‘A’ Stiùireadh’ a’ nochdadh raon de luchd-labhairt agus a’ dèiligeadh ri cuspairean a’ gabhail a-steach foghlam, slàinte agus eaconamaidh na mara.
Tòisichidh an t-sreath air Diciadain 31 Màrt le sùil air ais air leasachadh com-pàirteachas an oilthighe agus a’ bhuaidh a tha air a bhith aige air a’ Ghàidhealtachd agus na h-Eileanan, Moireibh agus Siorrachd Pheairt.
Am measg an luchd-labhairt anns an deasbad ‘coimhearsnachdan agus eaconamaidh’ bidh Prionnsapal agus Iar-Sheansalair ùr Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean, an t-Àrd Ollamh Todd Walker, agus an seann Phrionnsapal agus Iar-Sheansalair, an t-Àrd-Ollamh Seumas Friseal. Charlotte Wright, Ceannard Iomairt na Gàidhealtachd ’s nan Eilean, Florence Jansen Ceann-suidhe Comann Oileanaich na Gàidhealtachd agus nan Eilean agus James Ellsmoor eòlaiche seasmhachd eileanan cuideachd a’ tighinn air a’ phannal.
Bidh am prògram sheiminearan a’ ruith chun an t-samhraidh:
• A’ stiùireadh choimhearsnachdan agus eaconamaidh - 12f gu 1.15f Diciadain 31 Màrt
• A’ stiùireadh an eaconamaidh ghorm - 4f gu 5.15f air Diardaoin 15 Giblean
• A’ stiùireadh slàinte dhùthchail - 4f gu 5.15f air Diardaoin 22 Giblean
• A’ stiùireadh ionnsachadh - 4f gu 5.15f air Diardaoin 13 Cèitean
• A’ stiùireadh rannsachadh agus ùr-ghnàthachadh slàinte - 4f gu 5.15f air Diardaoin 10 Ògmhios
Tha Iomairt na Gàidhealtachd ’s nan Eilean a’ toirt taic don t-sreath agus bidh grunn luchd-obrach a’ tighinn air na pannalan. Thuirt an Ceannard, Charlotte Wright: “Ann a bhith a’ faighinn ath-bheothachadh eaconamach soirbheachail, tha àite deatamach aig Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean ann a bhith a’ freagairt chothroman eaconamach ùra, a’ toirt seachad tairgse foghlaim is rannsachaidh ceangailte ri diofar ghnìomhachasan agus a’ neartachadh luchd-obrach agus coimhearsnachdan na sgìre. Tha ar com-pàirteachas ro-innleachdail le lìonra Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean air fàs nas làidire gach bliadhna agus tha sinn a’ coimhead air adhart gu mòr ri bhith ag obair còmhla riutha gus na webinars seo a dhèanamh soirbheachail do ghnìomhachasan na sgìre againn.
A’ bruidhinn mun t-sreath, thuirt Prionnsapal agus Iar-Sheansalair ùr an oilthighe, an t-Àrd Ollamh Todd Walker: “Chaidh com-pàirteachas Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean a chruthachadh gus buaidh cruth-atharrachail a thoirt air na tha san amharc don sgìre againn. Tha sinn ag amas air tàlant a thàladh agus àrach san sgìre againn, a’ cuideachadh le bhith a’ cur stad air crìonadh sluaigh agus a’ togail ùr-ghnàthachadh agus beairteas sòiseo-eaconamach.
“Còmhla ri co-obraichean ann am buidhnean poblach, prìobhaideach agus treas roinn, tha pàirt dheatamach againn ann a bhith a’ toirt taic do shlànachadh na sgìre againn bho ghalair sgaoilte COVID-19. Tha an t-sreath cho-labhairtean don deicheamh co-latha-breith againn a’ toirt cothrom inntinneach dhuinn sgrùdadh a dhèanamh air mar as urrainn do na prìomh roinnean againn a bhith ag obair còmhla gus taic a thoirt do na coimhearsnachdan a tha sinn a’ frithealadh.”
Gus tuilleadh fhaighinn a-mach mu na tachartasan agus gus clàradh airson nan tachartasan, tadhailibh air www.uhi.ac.uk/events