Làmh-sgrìobhaidh ga chur ri cùmhnant fàs do dh’Arcaibh, Sealltainn agus Innse Gall a’ fuasgladh in-thasgadh de £335 millean
Chaidh aontachadh an-diugh ri in-thasgadh de £100 millean ann an soirbheachas eaconamach san àm ri teachd do dh’Arcaibh, Sealltainn agus Innse Gall, le riochdairean bho Riaghaltas an Rìoghachd Aonaichte, Riaghaltas na h-Alba a’ tighinn còmhla ri Ceannardan Chomhairle nan Eilean Siar, Comhairle Eileanan Arcaibh agus Comhairle Eileanan Shealltainn a cur an làmh-sgrìobhaidh ri Teirmean Rùintean airson Cùmhnant Fàs nan Eilean.
Tha an aonta a daingneachadh gun co-obraich gach riaghaltas le com-pàirtichean Chùmhnant nan Eilean ann a bhith a’ lìbhrigeadh cùmhnant le fòcas air: na h-eileanan a bhith air thoiseach a thaobh atharrachadh gu neo-ni eimisean; taic d dh’fhàs anns na prìomh roinnean chothruim mar turasachd, biadh is deoch, fànas agus gnìomhachasan cruthachail; agus taic a chumail ri coimhearsnachdan beothail, seasmhach.
Bidh Cùmhnant Fàs nan Eilean a’ toirt buannachd à so-mhaoin shònraichte nan eilean le in-thasgadh de £50 millean bhon dà chuid Riaghaltas an Rìoghachd Aonaichte agus Riaghaltas na h-Alba agus dùil ri £235 millean eile bho chom-pàirtichean air pròiseactan. Tha targaid àrd-amasach aig a’ phrògram in-thasgaidh 10-blidhan gu suas ri 1300 cosnadh a stèidheachadh agus a’ dèiligeadh ri iomagain mu crìonadh sluaigh a tha bualadh air iomadh ceàrnaidh de na 3 sgìrean eileanach. Bidh luchd comp-pàirt a-nis ag ullachadh Làn Chùisean Gnothachais airson aonta gach Riaghaltas, le dùil gun deidheadh aontachadh ri maoineachadh a bhith air a sgaoileadh bho 2022/23.
Thuirt an t-Àrd-Ollamh Neil Simco, Iar-Phrionnsapal airson Rannsachadh agus Buaidh aig Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean:
“Tha mi air leth toilichte fàilte a chur air Farpais Fàs nan Eilean an-diugh. Tha e na àm brosnachail is beòthail dha eileanan na h-Alba agus tha com-pàirteachas an oilthighe moiteil a bhith na phrìomh chom-pàirtiche lìbhrigidh.
“Tro chom-pàirt iomlan nan colaistean agus nan institiùdan rannsachaidh againn ann a bhith a’ leasachadh grunn phròiseactan a tha a’ faighinn taic tron aonta seo, neartaichidh sinn ar comas cur ri leasachadh seasmhach nan eilean ann an dòighean ùra agus ùr-ghnàthach.
Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh mu phròiseactan aonta Fàs nan Eilean air làrach-lìn Comhairle nan Eilean Siar. Thèid barrachd fiosrachaidh a roinn mar a bhios na pròiseactan a’ sìor leasachadh.