Tha prìomh neach-rannsachaidh mòintich gu bhith na h-Àrd-Ollamh

Tha neach-rannsachaidh bho thuath a tha air aithneachadh mar aon de na prìomh eòlaichean mòintich air an t-saoghal air ollamhachd a chosnadh bho Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean.

Fhuair an t-Àrd-ollamh Roxane Andersen, àrd neach-rannsachaidh ann an Institiud Rannsachaidh na h-Àrainneachd aig Colaiste na Gàidhealtachd a Tuath UHI ann an Inbhir Theòrsa, an tiotal mar aithneachadh air a gnìomhachd rannsachaidh barraichte, a sgilean ceannardais agus na chuir i ri foghlam.

Chaidh an t-Àrd-Ollamh Andersen a-steach don Institiud Rannsachaidh na h-Àrainneachd mar neach-rannsachaidh ann an 2012. Bhon uair sin, tha i air cuideachadh le bhith a’ faighinn còrr air £4 millean de theachd-a-steach tabhartais bho raon de luchd-maoineachaidh gus prògram rannsachaidh coileanta agus co-obrachail a leasachadh air talamh mònach agus ath-nuadhachadh eag-eòlasach. Tha i air còrr air 50 artaigil ath-sgrùdaichte fhoillseachadh ann an irisean acadaimigeach, air eagrachadh agus air cur ri grunn cho-labhairtean eadar-nàiseanta agus air 13 oileanach PhD a stiùireadh. Tha an t-Àrd-Ollamh Andersen cuideachd air cur ri poileasaidh agus riaghladh nàiseanta agus eadar-nàiseanta, a’ toirt taic do thagradh airson Dùthaich nan Sruth ann a Gallaibh agus Cataibh a bhith na Làrach Dualchas na Cruinne aig UNESCO agus a bhith air a h-ainmeachadh mar chathraiche air Buidheann Sgrùdaidh is Rannsachaidh Mòinteach Nàiseanta na h-Alba ann an 2018.

A’ bruidhinn mun tiotal ùr aice, thuirt an t-Ollamh Andersen: “Tha e na urram mòr dhomh agus tha mi air leth taingeil don a h-uile duine a thug taic dhomh air an turas seo gu ruige seo, gu sònraichte don sgioba gu lèir aig Institiud Rannsachaidh na h-Àrainneachd. Tha e na urram dhomh gun do choinnich mi ri mòran bhoireannaich làidir, tùrail agus iongantach fad mo chùrsa-beatha, ris am b’ urrainn dhomh coimhead suas. Tha mi an dòchas gun urrainn dhomhsa, mar iadsan, feadhainn eile a bhrosnachadh gus an dìoghras a leantainn.”

Thuirt an t-Àrd-ollamh Todd Walker, Prionnsapal agus Iar-Sheansalair Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean: “Is e tiotal proifeasair an ìre as àirde de choileanadh acadaimigeach as urrainn a thoirt seachad. Tha e glèidhte do dhaoine fa leth a tha air an aithneachadh mar stiùirichean san raon aca agus a tha air sàr-mhathas a nochdadh nan obair. Tha an t-Ollamh Andersen airidh air. Tha i air tabhartas luachmhor a dhèanamh ri saidheans mòintich agus air cliù eadar-nàiseanta a leasachadh airson a cuid obrach. Tha i na creideas don oilthigh againn agus tha mi a’ coimhead air adhart ri bhith a’ faicinn mar a bhios a cùrsa-beatha a’ sìor fhàs.”

Tha an t-Àrd-ollamh Stuart Gibb na Stiùiriche air Institiud Rannsachaidh na h-Àrainneachd aig Colaiste na Gàidhealtachd a Tuath UHI agus tha e cuideachd na Chathraiche air Com-pàirteachas Mònach. Thuirt e: “Anns na beagan bhliadhnaichean a dh’fhalbh tha sinn air gluasad fhaicinn ann an tuigse shaidheansail air mòinteach. Chaidh ath-mheasadh a dhèanamh air cho cudromach ’s a tha iad a thaobh bith-iomadachd, glacadh gualain agus atharrachadh gnàth-shìde agus ann a bhith a’ toirt seachad sheirbheisean eag-shiostamach, agus tha obair Roxane, gu sònraichte ann an Dùthaich nan Sruth, air a bhith aig cridhe seo. Ach, tha buaidh na h-obrach aice a’ dol nas fhaide na saidheans agus tha i air cuideachadh le bhith a’ brosnachadh tuigse shòisealta mu chudromachd cruinneil nam mòintich a tha againn air ar stairsnich. Tha seo na dheagh eisimpleir de sgrùdadh ‘stèidhichte air àite’ agus a chumhachd air coimhearsnachdan ionadail a cheangal ri clàran-gnothaich eadar-nàiseanta agus tha mi air leth toilichte gun deach Roxane aithneachadh airson an tabhartais seo."

Às deidh an tiotal ùr aice ainmeachadh, bheir an t-Àrd-ollamh Andersen seachad seiminear poblach an-asgaidh air Diciadain 2 Ògmhios - Latha Mònach na Cruinne. Nì an òraid air-loidhne sgrùdadh air saidheans mòintich, a’ suathadh air cuspairean a’ gabhail a-steach atharrachadh gnàth-shìde, bith-iomadachd agus ath-nuadhachadh.

Airson tuilleadh fiosrachaidh agus airson àite a ghleidheadh, tadhail air www.uhi.ac.uk/en/media/events