Prìomh neach-rannsachaidh slàinte gu bhith na h-Àrd-Ollamh
Tha neach-rannsachaidh a tha air a meas mar phrìomh eòlaiche ann an slàinte dhùthchail air ollamhachd a chosnadh bho Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean.
Fhuair an t-Àrd-Ollamh Sarah-Anne Munoz, Ceannard Eadar-amail roinn slàinte is sunnd dùthchail ann an Inbhir Nis, an tiotal mar aithneachadh air a gnìomhachd rannsachaidh air leth, a sgilean ceannardais agus na chuir i ri foghlam.
Chaidh an t-Àrd-Ollamh Munoz a-steach don oilthigh ann an 2007 mar Rannsaiche Iar-Dhotaireil. Bhon uair sin, tha i air cuideachadh le còrr air £800,000 de theachd-a-steach tabhartais fhaotainn airson rannsachadh ann an raointean a tha a’ gabhail a-steach slàinte dhùthchail, seirbheisean slàinte agus COVID-19. Tha i air còrr air 27 artaigil ath-sgrùdaichte fhoillseachadh ann an irisean acadaimigeach, air eagrachadh agus air cur ri grunn cho-labhairtean eadar-nàiseanta agus air cuideachadh le seachd oileanaich PhD a stiùireadh. Tha an t-Àrd-Ollamh Munoz cuideachd air cur ri poileasaidh nàiseanta tron obair aice le Com-pàirteachas Slàinte Dhùthchail na h-Alba agus NHS na Gàidhealtachd, agus air taic a thoirt do cho-obrachaidhean eadar-nàiseanta mar cho-stèidheadair air a’ Cho-obrachadh Chruinneil airson Slàinte Inntinn Dùthchail.
A’ bruidhinn mun tiotal ùr aice, thuirt an t-Àrd-Ollamh Munoz: “Tha e na urram a bhith a’ faighinn ollamhachd ann an slàinte dhùthchail, cuspair a tha cudromach dhomh. Tha mi air leth moiteil seo fhaighinn bho Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean - institiud aig a bheil ceanglaichean cho làidir ri coimhearsnachdan dùthchail. Mar àrd-ollamh slàinte dhùthchail, bidh e na dhleastanas orm, chan e a-mhàin a bhith a’ stiùireadh rannsachadh agus foghlam, ach cuideachd a bhith nam neach-tagraidh às leth còraichean agus feumalachdan choimhearsnachdan dùthchail agus proifeiseantaich cùram slàinte dhùthchail, agus a dhèanamh comasach an guthan a chluinntinn taobh a-staigh raointean acadaimigeach agus poileasaidh.”
Thuirt an t-Àrd-Ollamh Todd Walker, Prionnsapal agus Iar-Sheansalair Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean: “Is e tiotal àrd-ollamh an ìre as àirde de choileanadh acadaimigeach as urrainn a thoirt seachad. Tha e glèidhte do dhaoine fa leth a tha air an aithneachadh mar stiùirichean san raon aca agus a tha air sàr-mhathas a thaisbeanadh nan obair. Tha an t-Àrd-Ollamh Munoz na neach-faighinn airidh. Tha i air tabhartasan cudromach a dhèanamh do shlàinte dhùthchail, tha i na neach-tagraidh airson coimhearsnachdan dùthchail agus tha i air cliù eadar-nàiseanta a leasachadh airson a cuid obrach. Tha i na creideas don oilthigh againn agus tha mi a’ coimhead air adhart ri bhith a’ faicinn mar a tha a cùrsa-beatha a’ leantainn air adhart.
Dh’ainmich an t-oilthigh cuideachd gu bheil an Dr Antonia Pritchard agus an Dr Holger Husi bho sgioba nan saidheansan bith-mheidigeach an oilthighe ann an Inbhir Nis, air an tiotal Leughadair a chosnadh.
Às deidh an tiotal ùr aice ainmeachadh, bheir an t-Àrd-Ollamh Munoz seiminear poblach seachad an-asgaidh air Diardaoin 17 Ògmhios. Bidh an òraid air-loidhne a’ sgrùdadh mar as urrainn do cheanglaichean ri fearann, sealladh-tìre agus coimhearsnachd cuideachadh le bhith a’ cumadh sunnd.
Airson tuilleadh fiosrachaidh agus airson àite a ghleidheadh, tadhail air www.uhi.ac.uk/en/media/events