Cuimhneachan air an clàradh air “Industrial Language Training”
Mar phàirt dhen iomairt “Extensions” aig Guthan nan Eilean, le taic bho ChIALL, tha am pròiseact “Cuimhneachan Ioma-chànanach: Birmingham 1984” a’ coimhead air ais 40 bliadhna tro shùilean luchd-obrach Birmingham ILT agus an caraidean.

Thill am manaidsear agus rannsaiche airson CIALL, Gordon Wells, air ais a Shasainn airson modal chlàraidh Guthan nan Eilean a chur an sàs ann an suidheachadh bailteil ioma-chànanach, ann an co-bhann ri South and City College Birmingham agus NATECLA (an Comunn Nàiseanta airson Beurla agus Cànanan Coimhearsnachd Eile a Theagasg do dh’Inbhich). Ghabh am pròiseact taic a bharrachd bho chompàirtichean ann am Mediating Multilingualism agus Talking Points with Norman Maclean gus am bhidio aithriseach a chruthachadh ann an naoi cànanan Àisianach a bharrachd air Beurla, Gàidhlig, Diaimeugan, agus Cuimris.
Tha buill dhen sgioba ILT sna 80an (a’ mhòr-chuid a-nis air an dreuchdan a leigeil dhiubh) agus an caraidean a’ cuimhneachadh an suidheachadh ioma-chànanach san robh iad ag obair aig an àm sin, agus mar a dh’fheuch iad ri seirbheis a lìbhrigeadh airson ESOL san àite-obrach, cuide ri co-chomhairleachadh ann an Co-ionannachd Chothroman, agus taic airson cànanan eile sa choimhearsnachd. Bheir PDFs air-loidhne ann an cruth Landscape no Portrait ceanglaichean gu dìreach ris na clàraidhean bhidio, le fiosrachadh agus taic a bharrachd ri fhaighinn air làrach Guthan nan Eilean.
Seo an tionndadh sa Ghàidhlig dhen bhidio aithriseach: