Ceangal Sòrbach

Thadhail an Dr Gòrdan Camshron air sgìre Bhrandenburg sa Ghearmailt o chionn ghoirid airson fiosrachadh agus eòlas a roinn le luchd-labhairt Shorbais. Tha an dà chuid Lower Sorbian (ga bruidhinn mar as àbhaist ann am Brandenburg) agus Upper Sorbian (ga bruidhinn ann an Saxony, gu tuath) nam mion-chànanan a tha a’ cur aghaidh ri grunn dhùbhlain, feadhainn dhiubh coltach ris na dùbhlain mu choinneimh na Gàidhlig an Alba an-diugh.

see full size image
Ann an Chóśebuz (no Cottbus mar a bhitheas againn air), thachair Gòrdan ri luchd-obrach agus rannsaichean a tha ag obair ann an Roinn an Leasachaidh Roinneil agus Dìon Mion-chuid ann an Institut na Sorbais.

Mar phàirt dheth seo, fhuair Gòrdan eòlas air Zorja, pròiseact a tha a’ feuchainn ri neadan-cànain a stèidheachadh far am faigh inbhich làn-bogadh ann an àrainneachd cànain is cultarail a tha gu tur ann an Sorbais. Tha Zorja ri lorg ann an Dešno (no Dissen, ann an Gearmailtis), far a bheil àireamh nach beag ann a tha ga bruidhinn fhathast gan taiceadh le luchd-iomairt.

A rèir teòiridh, ’s e Chóśebuz am baile as dà-chànanach sa Ghearmailt, anns a bheil mion-chànan mar Lower Sorbian a’ tighinn beò gualainn ri gualainn ri mòr-chànan leithid na Gearmailtis. Ach, mar a bha Měto Nowak (rannsaiche ann am planadh is poileasaidh cànain) a’ mìneachadh, leis an fhìrinn innse, chan ann mar sin buileach is a tha cùisean.

Chùm Gòrdan deasbadan mì-fhoirmeil an uair sin ri sgioba Institut na Sòrbais, mus tug e seachad òraid an-sin air saoghal poileasaidhean na Gàidhlig an Alba, leasachaidhean co-aimsireil (mar eisimpleir Bile nan Cànanan Albannach a tha a’ dol tro Phàrlamaid na h-Alba an-dràsta) agus obair an LSI fhèin. Bha deasbad beòthail a mhair mu uair a thìde às dèidh làimhe cuideachd, ceangailte ri cuspairean ceangailte ri poleasaidh cànain, leasachadh choimhearsnachdan, buaidh na h-àrainneachd air cultar, agus mar sin air adhart. Chaidh agallamh a chumail ri Gòrdan le RBB, stèisean rèidio na Sòrbais.

Thadhail Gòrdan cuideachd air Institut na Sòrbais ann an Oilthigh Leipzig, airson coinneamhan agus deasbadan a bharrachd, a bha fìor luachmhor, air mion-chànanan anns an Roinn Eòrpa an-diugh.

Bidh Gòrdan ann an conaltradh ris an fheadhainn ris an do choinnich e anns na beagan làithean is seachdainean a tha romhainn, agus thathas an dòchas gun tig leasachaidhean cudromach às a’ chuairt san àm ri tighinn. 

Taing mhòr do Sophie Rädel, a bha cho cuideachail ann a bhith a’ cruthachadh clàr-ama an turais, agus do Měto Nowak a thug seachad fiosrachadh air leth mu Shòrbais ann an sgìre Chóśebuz.