Gàidheal ann an Dùn Èideann

Tha CIALL fhathast a’ toirt taic dhan iomairt “Extensions” aig Guthan nan Eilean, far a bheil am pròiseact a’ cur gu feum an dòigh obrach aige airson “language capture and curation” ann an suidheachaidhean ùra. ’S e an sgrìobhadair, Màrtainn Mac an t-Saoir, a tha stèidhte ann an Dùn Èideann, a tha fon phrosaig an turas seo.

see full size image
Faodar clàraidhean fhaicinn le Màrtainn a’ bruidhinn Gàidhlig (agus Beurla an-dràsta ’s a-rithist) ann an diofar suidheachaidhean air làrach-lin Guthan nan Eilean.

Air a thogail ann an Lèanaidh, agus air a bhith a’ fuireach ann an Dùn Èideann fad ùine mhòr, tha dlùth cheangal aig Màrtainn Mac an t-Saoir ris na h-Eileanan cuideachd, tro eachdraidh a theaghlaich, agus tron sgrìobhaidhean aige ann an Gàidhlig agus Beurla. Na chruinneachadh “Gàidheal ann an Dùn Èideann” bidh e a’ bruidhinn air na cuspairean seo, agus feadhainn eile cuideachd, ann an còmhradh agus tro bhidio aithriseach agus e cuideachd a’ toirt seachad cuid de na dàin aige. A’ togail air a chruinneachadh ioma-chànanach “A’ Ruith Eadar Dà Dhràgon”, tha am bhidio aithriseach air a lìbhrigeadh ann an Catalanais agus Cuimris, a bharrachd air Beurla agus Gàidhlig mar leasachadh ùr airson an iomairt “Other Tongues” aig Guthan nan Eilean airson ceanglaichean a thogail le coimhearsnachdan cànain eile san RA agus thall thairis.

Faodar gach film fhaicinn tron làrach aig Guthan nan Eilean ann an cruth landscape air neo portrait.