PhD air Leasachadh na Gàidhlig sna h-Eileanan

Tha Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean (UHI) a' tabhann cothrom PhD ùr, làn-mhaoinichte a' rannsachadh leasachadh na Gàidhlig ann an Innse Gall.

see full size image
UHI a Tuath an Iar is Innse Gall

Nì an sgoilearachas CEARTAS, a tha air a mhaoineachadh le Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean (HIE), sgrùdadh air na nithean a tha a' cur ri luach sòisealta is cultarail na Gàidhlig ann an Innse Gall. Thathas an dòchas gun cuidich na toraidhean a bhith a' treòrachadh poileasaidh a thaobh mhion-chànanan, gu sònraichte ann an co-theacsan Gàidhlig.

Bheir an sgoilearachas cothrom cuideachd sgrùdadh a dhèanamh air leasachadh coimhearsnachd, mar a nithear co-dhùnaidhean ann an coimhearsnachdan agus mar as urrainn do phoileasaidh poblach buannachdan sòisio-eaconamach ionadail a lìbhrigeadh.

Thuirt an t-Àrd-Ollamh Conchúr Ó Giollagáin, Àrd-Ollamh ann an Rannsachadh na Gàidhlig aig UHI: "Tha Institiud Saidheansan Cànain UHI air leth toilichte a bhith air chomas an cothrom rannsachaidh ollamhach togarrach seo a thabhann gus forfhais a dhèanamh air dòighean as urrainn do dh'oidhirpean leasachadh coimhearsnachd agus iomairtean poileasaidh Gàidhlig a bhith a chum leas a chèile. Tha sinn gu sònraichte taingeil don bhuidheann-mhaoineachaidh rannsachaidh againn, Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean, airson na taice agus a' bhrosnachaidh gus fàs a thoirt air a' chlàr-ghnothaich rannsachaidh seo air a bheil feum mòr."

Thuirt Jacqueline NicUiginn, àrd-mhanaidsear leasachaidh aig HIE: "Tha sinn toilichte taic a thoirt don phròiseact rannsachaidh seo mar phàirt de dh'oidhirpean, còmhla ris na buidhnean com-pàirteach againn, gus taic a thoirt do fhàs cleachdadh na Gàidhlig ann an coimhearsnachdan eileanach is dùthchail far a bheil Gàidhlig ga bruidhinn. Tha e na eileamaid chudromach den phlana Ghàidhlig againn a bhith a' togail air mar a thathar a' cleachdadh a' chànain gus luach eaconamach is sòisealta a thoirt a-steach ann an diofar shuidheachaidhean. Cha tig piseach air a' Ghàidhlig ach le coimhearsnachdan piseachail agus tha sinn airson co-obrachadh a neartachadh ann am prìomh choimhearsnachdan, feuch am bi iad nas tarraingiche agus nas seasmhaiche a thaobh gleidheadh òigridh/sluaigh agus fàs is cosnadh. Bidh pàirt chudromach aig an rannsachadh seo ann an taic poileasaidh san àm ri teachd."

Tha am PhD air a mhaoineachadh gu h-iomlan le HIE agus thathas a' tabhann stìpean airson 42 mìos. Bidh an tagraiche soirbheachail fo stiùir Institiud nan Saidheansan Cànain aig UHI. Bidh an sgoilearachas PhD stèidhichte aig UHI A Tuath, An Iar is Innse Gall, ach faodar beachdachadh air rèiteachaidhean obrach sùbailte, tar-chinealach a rèir far a bheil an tagraiche fhèin. Leis gum bi fòcas na h-obrach air coimhearsnachdan nan Eilean Siar far a bheil a' Ghàidhlig fhathast gu làidir an làthair agus cudromach, tha e ion-mhiannaichte a bhith air chomas conaltradh gu h-èifeachdach sa Ghàidhlig.

Faodar ceistean tùsail a chur no ùidh a nochdadh le fios a chur gu prìomh neach-stiùiridh a' phròiseict, an t-Àrd-Ollamh Conchúr Ó Giollagáin (conchur.ogiollagain@uhi.ac.uk). 'S e Dihaoine 6 Dàmhair an ceann-latha dùnaidh airson tagraidhean, agus is e an ceann-latha tòiseachaidh a tha san amharc airson a' PhD Diluain 13 Samhain.

Airson tuilleadh fiosrachaidh agus stiùireadh a thaobh tagradh a dhèanamh, tadhlaibh air www.findaphd.com agus lorgaibh am prìomh fhacal ‘CEARTAS'.