Clilstore ga cheangal sa choimhearsnachd
Mar phàirt de ChIALL (Collaborative, Interdisciplinary & Applied Linguistic Links), tha an Institiud Rannsachaidh Cànain (LSI) a’ cur am bathar-bog “Clilstore” gu feum airson luchd-ionnsachaidh a chuideachadh leis na clàraidhean a chaidh a dhèanamh sa choimhearsnachd le Comann Eachdraidh Sgìre Bhac ann an Leòdhas.
A' leantail air an obair a chaidh a dhèanamh o chionn treiseag leis a’ Chomann Eachdraidh gus fo-thiotalan a chur air cuid dhe na bhidiothan Gàidhlig aca, tha muinntir an LSI ag obair a-nis air duilleagan-lìn a chruthachadh a bheir cuideachadh leis a’ bhriathrachas, a’ cur còmhla an dà chuid bhidio agus tar-sgrìobhadh. Faodar am bhidio fhaicinn fhad ‘s a thathas a’ leughadh an teacsa, agus faodar stad a chur air a’ bhidio ma nochdas facal air nach eil an neach-leughaidh eòlach, gus a lorg ann am faclair le aon chliog a-mhàin. Mar eisimpleir, seo “School Memories” à Sgoil a’ Bhac, le Coinneach MacÌomhair ann an còmhradh leis na seann charaidean-sgoile aige.