Guthan Eileanach ann an Cànanan Innseanach
Am measg grunn phròiseactan rannsachaidh beaga a thathas a’ ruith sa chiad bhliadhna aig CIALL tha fear a tha a’ coimhead ri togail air dìleab a’ cho-obrachaidh Mediating Multilingualism, le bhith a’ cur film tràth bho Ghuthan nan Eilean gu feum ùr ann an iomadh cànan nan Innseachan.
Air a chur air bhog air-loidhne leis an Ollamh Udaya Narayana Singh bho chom-pàirtiche ann am Mediating Multilingualism, Oilthigh Amity Haryana, le taic bho Adhibhash, tha toradh a’ phròiseict – Pàrlamaid na Cloinne ann am Barraigh – a-nis ri fhaicinn ann an trì-deug diofar chànanan nan Innseachan (a bharrachd air a’ Ghàidhlig agus a’ Bheurla).
Tha cùl-fhiosrachadh a’ phròiseict air a mhìneachadh gu mionaideach air làrach-lìn Guthan nan Eilean, le ceanglaichean beò ann am format landscape agus portrait ri gach film, agus a' toirt fainear gu sònraichte gu bheil grunn de na cànanan seo cuideachd air an cleachdadh gu mòr ann an coimhearsnachdan diaspora ann an Alba agus san RA san fharsaingeachd.
Chaidh tòiseachadh cuideachd air am bathar-bog airson luchd-ionnsachaidh Clilstore ùrachadh gus gabhail ris na cànanan sin nach eil rim faighinn troimhe mar-thà. Tha an obair seo fhathast a’ dol air adhart.