Tachartas Ioma-chànanach ann am Barmouth

Le Ifor ap Glyn (Bàrd Nàiseanta na Cuimrigh 2016-2022) sa chathair, chaidh tachartas ioma-chànanach a chùmail gus am bhidio “Diaimeugan sa Chuimrigh” le Guthan nan Eilean mu dheidhinn bàrd is neach-ealain Audrey West a shealltainn agus a dheasbad aig an Dragon Theatre ann am Barmouth.

see full size image
Chaidh an tachartas a chlàradh, agus chaidh bhidio goirid ma dheidhinn a dhèanamh a tha ri fhaicinn air Sianal YouTube Guthan nan Eilean

Bha Gordon Wells, am manaidsear airson CIALL, air a’ phanail airson na bhidiothan air Audrey West fo bhratach “Jamiekan ina Wielz” a dheasbad aig coinneamh phoblach ann am Barmouth.

A Bharrachd air Jamiekan agus Gàidhlig, tha am prìomh bhidio cuideachd ri fhaighinn ann an Cuimris, Beurla, agus Portagailis, a’ leantail spiorad nan iomairtean “Other Tongues” agus “Extensions” aig Guthan nan Eilean. Cha b’ urrainnear na cànanan seo uile a chleachdadh air an oidhche ach chaidh cuideam iomchaidh a chur air Cuimris, a bharrachd air Jamiekan, le Ifor ap Glyn (Bàrd Nàiseanta na Cuimrigh 2016-2022) sa chathair.

Chualas cuideachd bho Rita Stringer aig an Diversity Project aig an Dictionary of Welsh Biography, ann an deasbad farsaing, le iomradh air a thoirt air eachdraidh bho dhiofar sheallaidhean a bharrachd air cànain agus cànanachas (gu h-àraid ioma-chànanas san latha an-diugh). Bhruidhinn Audrey gu fosgailte ma beatha phearsanta, phroifeiseanta agus ealanach, agus bha i deònach ceistean a fhreagairt mun chànan Diaimeuganach. Chaidh iomradh a thoirt cuideachd air obair an Jamaican Language Unit ann an co-obrachadh le OGE tron phròiseact "Mediating Multilingualism".

Gheibhear blasad dhen deasbaid, cuide ri criomagan às a’ bhidio ann an Cuimris, Gàidhlig, agus Diaimeugan sa bhidio ghoirid seo.