Guthan na Gaillimhe
Chaidh clàraidhean ùra Èireannach a chur ri Stòras Beò nan Gàidheal

Chaidh ceithir chlàraidhean ùra le sianar de luchd-labhairt de gach aois à Gaillimh a chur ris a' phròiseact "Taisce Bheo na nGael", a tha air a cho-òrdanachadh leis an LSI cuide ri CIALL. Chaidh na clàraidhean Èireannach seo a cho-òrdanachadh le Brian Ó Curnáin aig an DIAS ann am Baile Átha Cliath. Gheibhear thuca air an duilleag airson Stòras Beò nan Gàidheal/Taisce Bheo na nGael.