Sealtainnis ann an Glaschu
Bho thùs à Sealtainn tha am bàrd Christie Williamson air a bhith a’ fuireach ann an Glaschu fad còrr is 20 bliadhna. Ciamar agus carson a bhios e a’ sgrìobhadh ann an stoidhle Sealtainneach?
Às dèidh sùil a thoirt air Jamaican sa Chuimrigh agus air Gàidhlig ann an Sealtainn, tha am pròiseact Guthan nan Eilean air am bàrd Sealtainneach Christie Williamson, a tha a’ fuireach air falbh ann an Glaschu, a chur fon phrosbaig san aon dòigh.
Tha seo na phàirt eile dhen leudachadh dhen dòigh obrach aig Guthan nan Eilean gu cànanan is suidheachaidhean ùra, aig an aon àm a’ gabhail a-staigh eisimpleirean de bhàrdachd, a bharrachd air na h-aithrisean sgrìobhte agus agallamhan nàdarra àbhaisteach.
Faodar gach film fhaicinn tron làrach aig Guthan nan Eilean ann an cruth landscape air neo portrait.