Gàidhlig ann an Sealltainn
Le taic bho ChIALL, tha Guthan nan Eilean a’ leantail air clàradh eisimpleirean de chleachdadh a’ chànain Jamaican san RA le bhith a’ coimhead air mar a tha an sgrìobhadair Dòmhnall S Moireach a’ cumail suas a chuid Ghàidhlig, is esan a’ fuireach ann an Sealltainn.
Tha an Leòdhasach Dòmhnall S Moireach a’ fuireach ann an Sealltainn. Mar ùghdar a bhios a’ sgrìobhadh sa Bheurla mar is trice, ciamar a tha e a’ cumail suas a chuid Ghàidhlig is e cho fada air falbh bhon choimhearsnachd far an do thog e an cànan?
Mar a tha Dòmhnall ag ràdh, mar as trice bidh e a’ bruidhinn na Gàidhlig seach ga sgrìobhadh. Leigidh na fo-thiotalan air YouTube le daoine aig nach eil i na faclan aige a leughadh fhad ’s a tha e a’ bruidhinn, le eadar-theangachadh gu Beurla, no cànain eile, ri fhaighinn tro “auto-translate”.
Chaidh an còmhradh a ghearradh ann an trì pàirtean, airson luchd-ionnsachaidh a chuideachadh, le fo-thiotalan rim faighinn anns gach earrann. Tha tionndadh “omnibus” ann cuideachd dhaibhsan nach eil feumach air cuideachadh sònraichte.
Faodar gach film fhaicinn tron làrach aig Guthan nan Eilean ann an cruth landscape agus portrait.