Neach-eachdraidh a’ clàradh sgeulachdan
Tha toraidhean air tòiseachadh a’ tighinn troimhe bhon cheangal aig CIALL leis an neach-eachdraidh ionadail Tommy MacDhòmhnaill, agus an ùidh aig Cnoc Soilleir agus na h-àrc-eòlaichean aig OGE ann an taighean-tughaidh Uibhist.
Na bu thràithe am-bliadhna rinn sinn filmeadh air Tommy air làrach Tobhta Mhic Eachainn, far an robh e ag aithris cuid dhen eachdraidh timcheall air “Dòmhnallaich na Frainge” bho sheann dhachaigh Nèill MhicEachainn.
Às deidh sin, tha Tommy air tòiseachadh a’ clàradh sgeulachdan bho mhuinntir Uibhist a chaidh a thogail ann an taighean-tughaidh (a’ tòiseachadh le a bhean Betty!) no aig a bheil cuimhneachain eile ri innse mun t-seòrsa taighe seo a b’ àbhaist a bhith cho bitheanta anns na h-Eileanan an Iar.
Tha na filmichean de Tommy aig Tobhta Mhic Eachainn agus ann an còmhradh le Betty rim faicinn a-nis air seanail YouTube Guthan nan Eilean tron phlaylist sònraichte seo air taighean-tughaidh, le taic theicnigeach a bharrachd ann a tha furasta a chleachdadh do luchd-ionnsachaidh. Bidh pìosan rim faotainn cuideachd airson an cleachdadh le com-pàirtichean Arc-eòlais OGE agus/no Cnoc Soilleir ann an co-obrachadh rannsachaidh san àm ri teachd. Tha fiosrachadh a bharrachd ri fhaighinn air làrach Ghuthan nan Eilean.
Anns an eadar-ama, tha Tommy a’ leantainn air leis an obair chlàraidh sa choimhearsnachd.