Aithris bhon prionnsapal is iar-sheansalair - ar dleastanas coitcheann a bhith a’ dol an grèim ri gràin-chinnidh
Sna seachdainean seo chaidh, dh’fhiosraich sinn àrainneachd chultarach is poilitigeach a thug barrachd follaiseachd do ghràin-chinnidh sa chomann-shòisealta, biodh sin air chruth ghnàth-ìomhaighean nàimhdeil ris na Sìonaich an co-cheangal ri COVID, no seallaidhean air loidhne de dh’fhòirneart an aghaidh shaoranaich dhubha. Tha seanchas gràine-cinnidh a’ dol an treasad agus tha dleasnas againn dol an grèim ri seo gu for-ghnìomhach le chèile.
Is e leasan na h-eachdraidh nach e gnothach a bhuineas ris an latha an-diugh a-mhàin a th’ ann an gràin-chinnidh: tha ana-cothroman is droch-dhìol siostamail, cho math ri seòrsaichean nas tuiteamaiche de leathachas, a’ toirt buaidh neo-chothromach air daoine datha is iomadh fèin-aithne iomallaichte eile o chionn nan ginealaichean. Tha e èiginneach cudromach gun cuir sinn an grèim an roid a th’ ann an-dràsta is gun dèan sinn feum dhith gus am put sinn le chèile air feadh na sgìre agus a’ chomainn-shòisealta an aghaidh nan aomaidhean seo.
Mar phrìomh bhuidheann a tha a’ toirt a-steach na sgìre as motha a th’ aig oilthigh no colaiste sam bith a tha stèidhichte air àrainn san RA agus an t-sluaigh as motha de dh’oileanaich ann an Albainn, tha Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean agus na com-pàirtichean acadaimigeach againn air fad ag iarraidh cur an cèill cho dealasach is a tha sinn ar buaidh fhèin, agus a’ sgaoileadh a-mach à sin buaidh an luchd-obrach is nan oileanach air fad, a chur an grèim, gus am bi stèidheachd is sgìre nas cothromaiche againn do a h-uile duine.
Chan ann a dh’aon ghnothach a nithear a’ mhòrchuid de leth-bhreith chinneadail an latha an-diugh, ach tha i freumhaichte ann an ro-bheachdan mu dhiofar chultaran ann am poileasaidhean, pròiseasan is seasamhan-inntinn: chaidh mòran de na stèidheachdan againn a thogail air bunaitean a chaidh a leagail gun aon ghuth idir a bhith an làthair às leth dhaoine Dubha, Àisianaich is mhion-shluaghan cinneachail (BAME).
Agus sinn a’ fanachd ann an sgìre iomallach, faodaidh e bhith doirbh tuigse a bhith againn air làn bhuaidh gràine-cinnidh orrasan air a bheil i a’ bualadh: faodaidh coltas fad às a bhith air naidheachdan a’ phrìomh shrutha. Airson co-ionannachd cinnidh adhartachadh ann an dòigh bhrìoghmhor, chan fhoghain e idir dìreach a bhith ‘gun leth-bhreith chinneadail’.
Feumaidh sinn dùbhlan a thoirt dhuinn fhèin agus do chàch, a’ cur nam prìbhleidean againn an grèim gus an toir sinn buaidh gu gnìomhach air atharrachadh, agus sinn ag ath-thogail eileamaidean cudromach den chomann-shòisealta gu for-ghnìomhach gus an cluinnear guth a h-uile duine aig ìre àrd. Tha com-pàirteachas an oilthigh againn ag iarraidh comasachadh gun tachair na còmhraidhean seo.
An ath rud a nì sinn
Tha beachdan a fhuaras a’ leigeil fhaicinn gu bheil feum guthan BAME agus bhuidhnean iomallaichte eile a thoirt a-steach dìreach ann a bhith a’ dealbhadh nam poileasaidhean, nan cùrsaichean is nan amasan ro-innleachdach againn. Tha fios a fhuaras o chionn ghoirid o HISA agus a’ choimhearsnachd rannsachaidh iar-cheum againn a’ toirt mholaidhean prataigeach as urrainn dhuinn gabhail riutha san obair co-ionannachd làithrich againn, ann an com-pàirteachas ri coimhearsnachdan BAME agus an caidreabhaich agus a rèir amasan a’ Choimisein airson Co-ionannachd is Chòirichean Daonna, Advance-HE agus Riaghaltas na h-Alba.
Bha na beachdan a fhuaras glè luachmhor cheana ann a bhith ag iarraidh chothroman nas fheàrr guthan iol-ghnèitheach a bhith a’ beathachadh na h-obrach againn air co-ionannachd cinnidh. A thaobh sin bidh sinn a’ dealbhadh is a’ cur mun cuairt suirbhidh neo-ainmeach sna seachdainean ri tighinn, gus am bi an obair againn stèidhichte air na fiosrachaidhean is na molaidhean as fharsainge a ghabhas.
Faighnichidh an suirbhidh mu fhèin-fhiosrachaidhean dhaoine BAME, cho math ris an fheadhainn a bhuineas ri feartan co-ionannachd eile, m.e. gnè, ciorram, aois, creideamh agus gnèitheachd. Leis nach cuirear ainmean ris, faodaidh luchd-freagairt a bhith air an socair is iad a’ cur am beachdan an cèill cho fosgarra is a ghabhas.
Cuiridh sinn a-mach cuideachd freagairt iomlan air na puingean fa leth a bhios air an togail, a’ toirt fios mu obair a tha sa bheairt, no a tha a’ dol cheana no a tha a’ feitheamh air tuillidh leasachaidh, agus ag iarraidh co-obrachadh o luchd-obrach is oileanaich. Buinidh iad seo ri cuspairean a ghabhas a-steach:
- Aithisg a’ Choimisein airson Co-ionannachd is Chòirichean Daonna air sàrachadh cinneadail: iùl a thaobh cur-an-gnìomh
- Ullachadh trèanaidh air claon-bhreith neo-fhiosrach: liubhairt, agus ullachadh in-mheadhanach a thogail
- Modh-obrach ath-leasaichte airson ghearanan, a’ gabhail a-steach cho-theacsaichean cinnidh is co-ionannachd sònraichte
- Cruinneachadh dàta is fios air ais airson mheasaidhean buaidh air co-ionannachd
Dòighean air fios a chur ar n-ionnsaigh / pàirt a ghabhail
Cho math ris na suirbhidhean do luchd-obrach is oileanaich, faodaidh sibh fios a chur a dh’ionnsaigh a’ chomhairlich co-ionannachd is iol-ghnèitheachd againn, Stuart Hall, no bruidhinn ris an riochdaire bhointealach sa chom-pàirtiche acadaimigeach ionadail agaibh, nam bu toil leibh cur ri còmhraidhean mun chlàr-ghnothaich co-ionannachd cinnidh againn agus com-pàirteachas an oilthigh againn a dhèanamh cho in-ghabhalach is as urrainn dha bhith.
Ma tha sibh den bheachd gu bheil droch-iomchar ga dhèanamh oirbh air tàilleabh cinnidh, no air adhbhar sam bith eile, bu choir oileanaich fios a chur a dh’ionnsaigh cho-oibrichean sheirbheisean do dh’oileanaich sa chom-pàirtiche acadaimigeach anns a bheil sibh air ur suidheachadh no le bhith a’ bruthadh air a’ Phutan Dhearg. Faodaidh luchd-obrach cùisean a thogail tron t-sreath-stiùiriche no an riochdaire luchd-obrach ionadail aca a rèir mar a bhios iomchaidh. Bheir com-pàirtichean acadaimigeach soilleireachadh air na seanailean conaltraidh ionadail airson bruidhinn air cùisean cùraim.
A-rithist, bu toil leam cur an cèill gu bheil com-pàirteachas an oilthigh a’ seasamh nan co-oibrichean againn a tha Dubh, Àisianach is bho mhion-shluaghan cinneachail, cho math riuthasan a fhuair dòighean gu sàbhailte, cùramach air fianais a thogail agus buaidh a thoirt air fìor atharrachadh. Tha sinn a’ dèanamh fiughair ri bhith a’ co-obrachadh an aghaidh gràin-chinnidh de a h-uile seòrsa, agus cuiridh sinn fios gu goirid gus am bi còmhradh againn air na h-ath cheuman a thaobh mar a nì sinn seo ann an dòigh bhrìoghmhor le chèile.