Acadaimigeach a’ faotainn aithne airson a thabhartais don choimhearsnachd rannsachaidh

Tha acadaimigeach aig an robh prìomh dhleastanas ann an leasachadh gnìomh rannsachaidh ann an Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean, air aithne fhaotainn mar thoradh air a thabhartas. Chaidh tiotal Àrd-Ollamh a bhuileachadh air Mìcheal Rayner airson a chuid obrach an lùib cultar rannsachaidh làidir a stèidheachadh tarsainn an oilthighe agus a thaic do rannsachadh air foghlam àrd-ìre, measadh rannsachaidh agus leasachadh rannsachaidh air feadh Alba.

À Kent bho thùs, thàinig an t-Àrd-Ollamh Rayner don oilthigh ann an dreuchd Deadhan Rannsachaidh ann an 2010. Tha e air cuideachadh le àireamh de leasachaidhean a stiùireadh, a’ gabhail a-steach sgeamaichean meantoraidh agus fòrlaidh luchd-obrach, meudachadh cudromach anns an àireamh de dh’oileanaich rannsachaidh agus cumhachdan buileachaidh ceum rannsachaidh a choileanadh, a tha a’ ceadachadh don oilthigh a cheuman ollamhach fhèin a bhuileachadh.

Tha obair an Àrd-Ollaimh Rayner air cur ri cliù a tha a’ sìor fhàs ann an rannsachadh san oilthigh. Chaidh an t-oilthigh ainmeachadh mar an t-oilthigh òg as fheàrr a tha a’ coileanadh ann an Alba le Times Higher Education, a bha a’ leantainn nan toraidhean ann am measadh tarsainn na RA air càileachd rannsachaidh ann an 2014. Stiùir an t-Àrd-Ollamh Rayner an tagradh institiùdach gu gnìomhachadh Frèam Sàr-mhathas Rannsachaidh, a rangaich 69% de rannsachadh an oilthighe aig ìre chruinneil no sàr-mhath gu h-eadar-nàiseanta. Ann an 2019, chaidh an t-oilthigh a rangachadh sa cheathramh àite deug a-mach à 103 institiud air feadh na RA airson riarachas nan oileanach rannsachaidh agus chaidh a rangachadh sa chiad àite airson riarachas nan oileanach, a bha a’ rannsachadh chuspairean saidheans, teicneòlas, innleadaireachd agus matamataig.

A thuilleadh air obair taobh a-staigh Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean, tha an t-Àrd-Ollamh Rayner air taic a chur ri rannsachadh tarsainn shuidheachaidhean nàiseanta agus eadar-nàiseanta. Bha e gu o chionn ghoirid, na chathraiche air comataidh leasachaidh is trèanaidh luchd-rannsachaidh Oilthighean Alba, agus tha e na bhall pannail airson gnìomhachadh Frèam Sàr-mhathas Rannsachaidh 2021. Chaidh aithne a thoirt dha mar Phrìomh Chomhaltach de Acadamaidh Foghlaim Àrd-Ìre ann an 2016.

Tha ùidhean acadaimigeach pearsanta Rayner a’ cuimseachadh air leasachadh luchd-rannsachaidh agus air na ceanglaichean eadar teagasg agus rannsachadh. Tha e na mhinistear òrdaichte agus na chom-pàirtiche gnìomhach san eaglais ionadail aige. Tha e cuideachd a’ cuideachadh le stiùireadh prògram gus comas rannsachaidh a leasachadh aig dà oilthigh ann an Afraga a Deas. Tha am pròiseact luach £264,000, maoinichte le Comhairle Bhreatainn agus Roinn Foghlaim Àrd-Ìre is Trèanaidh Afraga a Deas, le cuimse shònraichte air meudachadh na h-àireimh de luchd-rannsachaidh òg, boireann agus dubh ann an Oilthigh an Free State agus Oilthigh Venda.

A’ labhairt mun tiotal ùr aige, thuirt an t-Àrd-Ollamh Rayner:

“Tha mi air leth toilichte aithne fhaotainn airson duais de chathair phearsanta bho Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean, a tha na institiùd mìorbhaileach agus eu-coltach ri aon sam bith eile as aithne dhomh. Tha mi a’ coimhead air adhart ri leantainn le m’ obair ann an cur taic ri agus leasachadh an tàlaint rannsachaidh a tha ri fhaotainn an seo, nar coimhearsnachdan sàr-mhath luchd-obrach agus oileanaich, agus leantainn le mo rannsachadh fhèin sna làithean ri teachd.”


Thuirt an t-Àrd-Ollamh Crichton Lang, Prionnsapal agus Iar-Sheansalair Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean:

“Is e tiotal àrd-ollaimh an ìre as àirde de choileanadh acadaimigeach as urrainnear a bhuileachadh. Tha e air a chur mu seach do dhaoine fa leth a tha a’ faotainn aithne mar stiùirichean nan raon dreuchdail fhèin agus a tha air sàr-mhathas a thaisbeanadh nan obair. Tha Mìcheal làn airidh air ar tiotal àrd-ollaimh. Tha e air a chùrsa-dreuchd a chuimseachadh air a bhith a’ cur taic ri agus a’ leasachadh rannsachadh ann an institiùdan foghlaim àrd-ìre, agus tha a cheannardas agus a lèirsinn air tabhartas thar luach a chur ri rannsachadh tarsainn Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean agus tarsainn a’ Chom-pàirteachais.”