Ban-cheannardan a’ misneachadh ’s a’ dèanamh subhachas aig tachartas Latha Eadar-nàiseanta nam Ban
Cha mhòr nach robh leth-cheud neach-obrach is oileanach ann an Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean, pàirt ann an tachartas sònraichte airson Latha Eadar-nàiseanta nam Ban a chomharrachadh, air a chumail gach bliadhna air 8 Màrt. Chaidh an tachartas air 10 Màrt a chumail ann an Colaiste Inbhir Nis UHI, le ceanglaichean didseatach rim faotainn mar thaic agus iadsan a ghabhail a-steach nach robh comasach air a bhith an làthair gu pearsanta.
Air a’ phrògram bha òraidichean air aoigheachd, agus nam measg bha Caroline Gillwood, Ceannard Phrògraman aig Stonewall Scotland, agus Rachel Watters, Oifigear Nàiseanta nam Ban aig Aonadh Nàiseanta nan Oileanach, a stiùir comharrachadh choileanaidhean agus a bhrosnaich deasbad mu thimcheall tèama eadar-nàiseanta na bliadhna seo, ‘Gach Neach do Cho-ionannachd’.
Ann am fosgladh agus dùnadh tachartas na bliadhna seo, mhìnich Sarah Burton, Cathraiche Bòrd Stiùiridh Colaiste Inbhir Nis UHI, carson a tha tèama na bliadhna seo gu h-àraid cudromach dhi.
Thuirt i: “Nam dhreuchd mar bhan-gnothachais san treas roinn, tha mi a’ sireadh ri cothroman a chruthachadh do dhaoine ciorramach airson fàs gu an làn-chomais fèin-dhearbhte. Tha e deatamach nam dhreuchd mar Chathraiche Bùird ann an roinn an fhoghlaim far a bheil soirbheachadh don bhuidheann agam stèidhichte ann am pàirt air comas nan guthan sin a thogail, a tha gu tric air an às-dhùnadh bho riaghladh ann an saoghal acadaimigeach.
“San dà chùis, chan eil e gu leòr dìreach co-ionannachd a bhrosnachadh, feumaidh sinn a bhith dìoghrasach mu stiùireadh co-ionannachd tro gach gnìomh beag fa leth a choileanas sinn.
“Tha cur taic gnìomhach ri boireannaich a bhith air an cluinntinn agus an uair sin a’ comharrachadh an soirbheasan, na uallach co-roinnte sam feum sinn uile com-pàirteachadh. Is e seo a tha cho brosnachail mu thachartas an latha an-diugh – tha e a’ comharrachadh gach nì a th’ annainn mar dhaoine fa leth agus a’ togail gach nì a choileanas sinn mar ghuth coitcheann iongantach.”
Thuirt Alex Walker, an neach-eagrachaidh bho Acadamaidh Ionnsachaidh is Teagaisg an oilthighe:
“Tha seo air a bhith na thachartas mìorbhaileach eile, a’ toirt cothrom do cho-obraichean a thighinn còmhla, an sgeulachdan a cho-roinn agus a chèile a bhrosnachadh.
“Is e cothrom a th’ ann cuideachd don oilthigh, mar aitreabh a tha gu gnìomhach ag adhartachadh co-ionannachd, meòrachadh air dè tuilleadh as urrainn a dhèanamh gus luchd-obrach is oileanaich bhoireann a dhiùlnachadh, a tha comharraichte mar bhoireannaich nan leasachadh, nan adhartas agus nan riochdachadh aig gach ìre ann am foghlam, rannsachadh agus seirbheisean proifeiseanta.”
Thuirt Ash Morgan, Iar-Cheann-suidhe Comann Oileanaich na Gàidhealtachd ’s nan Eilean (Foghlam Adhartach):
“Tha sinn air leth toilichte a bhith air ar fàilteachadh gu bhith mar phàirt den tachartas seo. Aig HISA, tha sinn a’ strì airson riochdachadh co-ionann den bhuidheann oileanaich san oilthigh, agus siostam foghlaim a tha a’ cruthachadh chothroman co-ionann do na h-uile.
“Tha sinn a’ cur luach air obair do-chreidsinneach ar n-oileanaich, oifigearan agus luchd-obrach bhoireann, ach a’ gabhail ris an t-strì leantainnich a thaobh aithne, tuigse agus còraichean do bhoireannaich.”
Tha an tachartas seo mar phàirt de dh’iomairt nas fharsainge a’ comharrachadh Latha Eadar-nàiseanta nam Ban. Gus a còmhradh a leantainn agus pàirt a’ ghabhail cleachd #EachforEqual #thinkuhi