An t-Oilthigh a’ buannachadh còrr air leth-mhillean not airson turasachd dualchais didseatach adhartachadh

Tha dà phròiseact turasachd dualchais didseatach aig Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean am measg naoi phròiseactan sa Ghàidhealtachd agus na h-Eileanan a tha air an taghadh gus cuibhreann de £5 millean bho Mhaoin Leasachaidh Roinnean na h-Eòrpa fhaotainn.

see full size image
Dealbh gu h-àrd: Taigh-solais Rubha Àird na Murchan creideas gu Uisgeachan a’ Chosta an Iar, dealbh nas ìsle: Dùn an Sticer (Uibhist a Tuath) creideas Emily Gal

Fhuair pròiseact ‘arc-eòlas bhiortail Uibhist’ tabhartas de £271,000 airson sreath ùr a chruthachadh de ath-thogailean didseatach de mas-fhìorachd air seachd làraichean arc-eòlasach a tha rim faicinn air slighe coiseachd Innse Gall ann an Uibhist is Beinn na Fadhla.

Fhuair pròiseact ‘an costa a dhealbhaich an saoghal’ tabhartas de £350,000. Leasaichidh am pròiseact seo làrach-lìn, app agus prògram de thaisbeanaidhean didseatach ùr-ghnàthach air fad costa an iar na h-Alba gus aithris mar a chuidich dualchas mara cultarach agus nàdarra le cumadh a thoirt air an t-saoghal.

Tha a’ Mhaoin Dualchais Nàdarra is Chultarach air a stiùireadh le Dualchas Nàdair na h-Alba agus pàirt-mhaoinichte tro Mhaoin Leasachaidh Roinnean na h-Eòrpa.  

 

Thuirt an t-Àrd-Ollamh Niall Simco, Iar-Phrionnsapal (Rannsachadh is Buaidh) Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean:  

“Tha sinn moiteil gu bheil na pròiseactan againn air an taghadh gu bhith nam pàirt den phrògram tasgaidh bhrosnachail seo.

“Is e eisimpleir a tha seo den àite chudromach a tha aig rannsachadh sàr-mhath an oilthighe seo ann an coimhearsnachdan ionadail, gus taic agus cuideachadh a chur ri cruth-atharrachadh is neartachadh beatha dhaoine, an àrainneachd agus an eaconamaidh air feadh na roinne.”

 

Tha pròiseact ‘arc-eòlas bhiortail Uibhist’ air a stiùireadh leis an Dr Rebecca Rennell agus an Dr Emily Gal, an dithis nan eòlaichean arc-eòlais stèidhichte ann an Colaisde a’ Chaisteil UHI.

Thuirt an Dr Rennell: “Ag obair còmhla ri ar com-pàirtiche, Comhairle nan Eilean Siar, tha sinn air leth toilichte a bhith a’ toirt deicheadan de bhliadhnaichean de rannsachadh arc-eòlasach aig na làraichean mìorbhaileach seo, chun a’ phobaill ann am farsaingeachd.

“Tha an sgioba air a dòigh glan am maoineachadh seo fhaighinn bhon Mhaoin Dualchais Nàdarra is Chultaraich. Cuidichidh e le buannachdan coimhearsnachd a chur an cèill, comas an eaconamaidh fhuasgladh agus eòlas luchd-turais a leasachadh ann an dòigh a tha a’ gleidheadh agus a’ dìon an dualchais air leth agus chultaraich a tha aithnichte tarsainn na roinne seo.”


Thug Sara Bellshaw, Àrd-Mhanaidsear Ùr-ghnàthachais anns an Ionad airson Rannsachadh Chur-seachadan is Turasachd a tha stèidhichte ann an Colaiste na Gàidhealtachd an Iar UHI, mìneachadh seachad air pròiseact ‘an costa a dhealbhaich an saoghal’:

“Tha e mìorbhaileach am maoineachadh seo fhaighinn bhon Mhaoin Dualchais Nàdarra is Chultaraich. Cleachdaidh an t-ionad ar saidhbhreas eòlais ann an turasachd is àite, ann an co-obrachadh le daoine às a’ choimhearsnachd agus eòlaichean gnìomhachais a tha bunailteach don phròiseact seo, gus conaltradh luchd-turais a neartachadh tro sgeulachdan mara mu choimhearsnachdan oirthìreach fad chosta an iar na h-Alba, tro phrògram didseatach cruthachail.”

 

Air ainmeachadh air 28 Dùbhlachd 2019 le Fiona Hyslop, Rùnaire Caibineit airson Cultar, Turasachd is Cùisean A-muigh, bidh an dà phròiseact a’ ruith fad dà bhliadhna gu leth.