Fhuair Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean àrd-inbhe ann an suirbhidh iar-cheumnach
Tha Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean air a mheas gu mòr ann an suirbhidh air feadh na RA de dh'oileanaich iar-cheumnach. Tha riarachas oileanaich le prògraman for-cheum teagaisgte an oilthighe mòran nas àirde na an cuibheas nàiseanta.
Fhuair an t-oilthigh sgòr de riarachadh oileanach 85% ann an Suirbhidh Eòlas Teagaisg For-cheum 2020. Tha seo seachd puingean sa cheud nas àirde na an cuibheas airson ionadan foghlaim àrd-ìre na h-Alba de 78%. Tha an toradh a‘ cur an oilthigh san treas àite deug a-mach às na 57 institiùdan foghlaim àrd-ìre a ghabh pàirt anns an t-suirbhidh air feadh na RA.
Air a cho-òrdanachadh le Advance HE, tha Suirbhidh Eòlas Teagaisg For-cheum mar thomhas air feadh na RA de eòlasan oileanaich air prògraman oilthighe iar-cheumnach air an teagasg. Tha e a’ toirt cothrom do dh’ oileanaich fios air ais a thoirt seachad mu raointean a’ toirt a-steach ionnsachadh agus teagasg, measadh agus fios air ais, agus eagrachadh agus riaghladh.
Chuir còrr air 117 oileanach bho air feadh com-pàirteachas Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean crìoch air sgrùdadh na bliadhna seo. Thug luchd-freagairt meas mòr air an oilthigh airson a theagasg, measadh agus fiosrachadh cùrsa.
Thuirt an Dr Iain Moireasdan, Deadhan Oileanaich Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean:
“A-rithist, tha na h-oileanaich againn ag innse dhuinn gur e Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean aon de na h-àiteachan as fheàrr san RA airson prògraman for-cheum a ghabhail.
"Ruith an t-suirbhidh seo gu tur aig àm glasaidh agus chan eil na toraidhean mòra nan iongnadh, oir tha an luchd-obrach sònraichte againn air a bhith a’ lìbhrigeadh eòlas ionnsachaidh pearsanta agus taic do na h-oileanaich againn airson còrr air 20 bliadhna, ge bith càite a bheil na h-oileanaich againn a’ roghnachadh ionnsachadh. Bidh na ceanglaichean làidir gnìomhachais againn cuideachd a’ dèanamh cinnteach gum bi na h-oileanaich iar-cheumnach againn a’ leasachadh nan sgilean, nan teisteanasan agus a’ mhisneachd a dh’fheumar gus taic a thoirt do ath-bheothachadh na sgìre againn às deidh galar lèir-sgaoilte COVID-19.
"Tha àiteachan air cùrsaichean fhathast rim faighinn dhaibhsan a tha airson tòiseachadh air an turas for-cheum aca san t-Sultain.”
Gus tuilleadh fhaighinn a-mach mu chùrsaichean for-cheum aig Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean, tadhail air www.uhi.ac.uk
Sgrùdaidheam cùise
Chuir Ciorstaidh Foreman crìoch air MSc ann an ceannardas agus riaghladh aig Colaiste Inbhir Nis UHI. Thuirt i: "Bha an cùrsa mìorbhaileach agus bha an susbaint gu math inntinneach. Thug stiùiriche mo chùrsa taic uabhasach math dhomh, gu sònraichte nuair a bha mi a’ crìochnachadh mo thràchdas rannsachaidh. Tha mi a-nis air dleastanasan leudaichte a ghabhail aig m’ obair agus tha mi a’ coimhead air adhart ri riaghladh. Tha mi a’ moladh a’ chùrsa seo agus an oilthighe seo gu mòr. Tha an togalach brèagha le àrainneachd chàirdeil, shocair agus bha e na chuideachadh mòr a bhith a’ tadhal nuair a bha thu ag ionnsachadh air astar.”
Chuir Kieran Moireach crìoch air MMus ann an ceòl aig Colaiste Pheairt UHI. Rinn e ionnsachadh pàirt-ùine a leig leis leantainn air adhart ag obair mar neach-ciùil agus riochdaire. Thuirt e: “Chòrd e rium a bhith ag ionnsachadh mu chànan a’ chiùil airson film agus a bhith a’ faighinn saorsa a bhith a’ dèanamh na bha mi ag iarraidh gu ceòlmhor taobh a-staigh nan crìochan a tha air am mìneachadh sa chùrsa. Chòrd e rium a bhith air mo phutadh gu bhith a’ sgrùdadh ceòl sgrìobhaidh taobh a-muigh mo chofhurtachd agus an dùbhlan a bhith a’ sgrìobhadh ceòl airson aithrisean sònraichte. Chòrd e rium cuideachd gun robh cuid den ionnsachadh air a stiùireadh le oileanaich agus bha an luchd-oideachaidh agam ag obair nas motha mar stiùirichean seach a bhith a’ teagasg cùrsa le builean teann. Bha an taic agus an t-oideachadh a fhuair mi fìor mhath agus tha na goireasan air leth math.”