Neach-tionnsgain sòisealta, sgrìobhadair agus curaidh atharrachadh gnàth-shìde, air aithneachadh le tiotal oilthighe
Chaidh James Ellsmoor (27) aon de na prìomh ghuthan san t-saoghal a thaobh seasmhachd eileanan agus lùth ath-nuadhachail, ainmeachadh mar Alumnus na Bliadhna aig Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean.
Is ann à Shropshire a tha e bho thùs, cheumnaich e ann an 2018 le MLitt ann an eòlas eileanach bho Institiùd Rannsachaidh a Tuath an oilthighe aig Colaiste Arcaibh UHI, an dèidh dha an cùrsa a chrìochnachadh mar oileanach ionnsachaidh air astar. Bithear a’ toirt seachad na duaise seo do dh’oileanach a bh ’ann roimhe mar chomharrachadh air na seirbheisean aca don choimhearsnachd, euchdan anns na h-ealain no saidheansan, gnìomhachas no ann am beatha phoblach no acadaimigeach.
Fhad ‘s bha e ag ionnsachadh airson a cheum fo-chem, cho stèidhich Seumas Ceannard Speurail Stàite, buidheann neo-phrothaideach a bhios ag obair le coimhearsnachdan eileanan beaga lùth na grèine a bhrosnachadh.
Tha e cuideachd na stèidhiche air Ùr-ghnàthachaidh Eileanan, iomairt shòisealta a tha a’ ruith ‘Àrd-Choinneamh Bhiortail Eileanan’. Bidh an tachartas bliadhnail stèidhichte seo a’ tàladh ceannardan riaghaltasan eileanach, acadaimigich agus gnìomhachais bho air feadh an t-saoghail gus aonachadh san iomairt aca airson seasmhachd agus beairteas do choimhearsnachdan eileanach le bhith a’ roinneadh bheachdan, deagh chleachdaidhean agus fhuasglaidhean. Tha dùil gum bi an tachartas am-bliadhna a ’tàladh 10,000 neach-ùidh eileanach bho air feadh an t-saoghail agus am measg an luchd-labhairt tha Paul Wheelhouse, Ministear Cumhachd, Ceangal agus na h-Eileanan ann an Alba agus Aonghas MacNèill BP airson Na h-Eileanan an Iar.
A’ bruidhinn mun duais aige smaoinich Seumas:
“Bha an t-eòlas agam aig Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean bunaiteach ann a bhith a’ cumadh mo ghnìomhachais agus mo shlighe agus tha mi air leth toilichte agus urramaichte a bhith a’ faighinn na duaise seo.
“Thòisich an oilthigh air obair agus sgrùdadh iomallach mus tàinig e gu bhith e riatanach am-bliadhna, agus tha mi toilichte fhaicinn gu bheil seo air an t-oilthigh a chur ann an suidheachadh nas fheàrr na a’ mhòr-chuid airson atharrachadh.
“Mholainn gu mòr e airson na h-àrainneachd obrach dhaineamach agus bheòthail a tha a’ cruthachadh cheanglaichean air feadh na sgìre. Tha e na urram a bhith a’ dèanamh charaidean agus cho-obraichean tro chom-pàirteachas an oilthighe a-nis air feadh na Gàidhealtachd agus nan Eilean, a bha air a chomasachadh le cleachdadh ùr-ghnàthach an oilthighe air teicneòlas airson coimhearsnachd a thogail.”
Thuirt an t-Àrd-ollamh Crichton Lang, Prionnsapal agus Iar-Sheansalair (eadar-amail): “Tha sinn moiteil às an aithne eadar-nàiseanta a fhuair Seumas mar-thà airson a ruigsinneachd chruinneil air atharrachadh gnàth-shìde agus a’ bhuaidh a thug e air dèanamh cinnteach gu bheil cothroman airson lùth ath-nuadhachail air eileanan, gu sònraichte stàitean beaga eileanan air feadh an t-saoghail, seasmhach agus a’ toirt beairteas dha na coimhearsnachdan sin.
“Tha an obair aige mar eisimpleir air rùn an oilthighe a tha a’ cur oileanaich aig cridhe ar planaichean gus buaidh chruth-atharrachail a thoirt air na tha san amharc don sgìre againn agus na h-eaconamaidhean, na daoine agus na coimhearsnachdan aice. Tha e na thosgaire iongantach airson com-pàirteachas an oilthighe agus tha mi cinnteach gun lean e air a’ coileanadh pàirt luachmhor ann a bhith a’ toirt atharrachadh adhartach do gach eilean air feadh an t-saoghail.”
Thuirt Alison NicUilleim, an Ceannard Leasachaidh aig Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean: “Bha sinn air leth toilichte Seumas a thaghadh mar bhuannaiche na bliadhna seo. Tha e mìorbhaileach a bhith ga chluinntinn a’toirt creideas mòr dha ùine agus eòlas air ionnsachadh iomallach fhad ’s s a bha ag ionnsachadh còmhla rinn aig an oilthigh, airson a bhith a’piobrachadh a’ bheachd airson ùr-ghnàthachadh eileanach.
“Tha Seumas na thosgaire brosnachail a tha a’ sealltainn do na h-oileanaich a th’againn an-dràsta agus san àm ri teachd gu bheil e comasach do thuras ionnsachaidh sònraichte fhèin a lorg còmhla rinn, ge bith càite a bheil thu ag ionnsachadh.”
Thuirt an Dr Anndra Jennings, òraidiche agus stiùiriche prògram airson sgrùdadh eilean MLitt:
“Choisinn Seumas tiotal oileanach iar-cheumnach na bliadhna ann an 2018, air an robh e airidh. Tha e na ghaisgeach air leth airson sgrùdadh eileanach. Tha e comasach agus innleachdach, a’cleachdadh a chuid eòlais gus coimhearsnachdan eileanach air feadh an t-saoghail a chuideachadh gus aghaidh a chur air dùbhlain eileanach.”
Tha Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean air ath dhearbhadh a dhèanamh air an dealas a thaobh coimhearsnachdan eileanach, le foillseachadh air a’chiad ro-innleachd eileanan aca a-riamh. Tha an sgrìobhainn a chaidh fhoilseachadh air 11 Lùnastal à mìneachadh phlanaichean an oilthighe gus a ghnìomhachd a leasachadh air feadh Arcaibh, Sealtainn agus na h-Eileanan an lar.