Prionnsapal agus iar-sheansalair ùr ri tòiseachadh san dreuchd ùr aige air deicheamh ceann-bliadhna an oilthigh
Tha Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean an dèidh an t-Àrd-Ollamh Todd Walker a chur an dreuchd mar an ath phrionnsapal is iar-sheansalair againn.
Tha an t-Àrd-Ollamh Walker an-dràsta na phrobhaist agus na leas-iar-sheansalair aig Oilthigh Shasainn Nuadh, a tha a’ ruith caochladh àrainnean an stàit na Cuimrighe a Deas Nuaidh, Astràilia. Tha e air ceann nan raointean-cùraim acadaimigeach, càileachd, agus tùsanach aig Oilthigh Shasainn Nuadh agus is esan cathraiche UNE Partnerships, buidheann trèanaidh chlàraichte a tha a’ toirt seachad foghlam adhartach.
Tha e na shàr eòlaiche-cheallan clionaigeach agus e air a theisteachadh gu diongalta a thaobh teagasg, rannsachadh agus co-chomhairleachadh. Tha ceum aige ann am bith-theicneolas meidigeach, PhD ann an eòlas-aillse moileciuileach agus teisteanas iar-cheum ann an ceannardas is riaghladh oilthigheach, air fad o Oilthigh Charles Sturt.
Bha e barrachd is 20 bliadhna ag obair ann an oilthighean ioma-àrainneach, sgìreil ann an Astràilia a gabhail a-steach Oilthigh Charles Sturt, Oilthigh Ballarat agus Federation University Australia, far an robh e air fear den fheadhainn a bha air ceann cruthachadh an oilthigh tro shealbhachadh agus co-aonadh àrainn Gippsland Oilthigh Monash mar leas-iar-sheansalair (com-pàirteachadh).
Thuirt Garry Coutts, Cathraiche Chùirt an Oilthigh:
"Leis an eachdraidh a th’ aig an Àrd-Ollamh Walker is e stiùiriche barraichte a th’ ann dhuinn agus sinn a’ teannadh dlùth air an deicheamh ceann-bliadhna againn mar oilthigh a tha a’ seirbheiseachadh na Gàidhealtachd agus nan Eilean, Moireibh agus Siorrachd Pheairt.
"Le cùrsa-obrach drùidhteach de 25 bliadhna ann an àrd-cheannardas is riaghladh acadaimigeach, tha e a’ tighinn chun na dreuchd le pailteas cheanglaichean agus gnàth-eòlais. Tha e a’ tuigsinn is a’ cur luach air an dà chuid foghlam adhartach agus àrd-ìre agus bha e ag obair tarsainn stèidheachdan ioma-àrainneach a bha air an suidheachadh ann an coimhearsnachdan le feuman fìor eadar-dhealaichte.
"Tha feum aig ar coimhearsnachdan air an oilthigh aca san àm a tha làthair agus bithidh fhathast. Co dhiubh an e a bhith a’ trèanadh dhaoine ann an sgilean ùra, ag altram cheannardan an ama ri teachd, no ag obair le gnothachas feuch am bi cothrom aca air an rannsachadh as fheàrr a chuideachadh leotha a bhith a’ fàs is a’ soirbheachadh, cluichidh com-pàirteachas an oilthigh againn pàirt uile-chudromach ann a bhith a’ toirt taic do dh’ath-bheothachadh na sgìre againn o ghalar lèir-sgaoilte CHOVID-19 agus an dèidh sin. Tha mi làn chinnteach gun e an t-Àrd-Ollamh Walker an duine ceart aig an àm cheart airson ar toirt gu ìre ùr."
Thuirt an t-Àrd-Ollamh Walker:
"Tha mi anabarrach toilichte a bhith a’ tighinn chun Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean, mar an ath phrionnsapal is iar-sheansalair aige aig àm togarrach san adhartas agus san fhàs aige. Tha mi a’ dèanamh fiughair ri bhith a’ co-oibreachadh leis an fhoireann is na h-oileanaich, com-pàirtichean is prionnsapalan, a’ choimhearsnachd agus riaghaltas agus sinn a’ togail is a’ neartachadh chom-pàirteachas an oilthigh.
"Tha mise a’ creidsinn gun e soirbheachadh a tha ro Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean san àm ri teachd, agus is e urram a th’ ann dhomh, is mi a’ mothachainn iriosal air a shon, an com-pàirteachas agus an luchd-obrach air fad a stiùireadh tron ath chaibideil de dh’fhàs an oilthigh."
Gabhaidh an t-Àrd-Ollamh Walker an dreuchd aige os làimh air 1 Gearran 2021. Tha e a’ tighinn an àite an Àrd-Ollaimh Clive Mulholland a chaidh air chluaineas ann an Iuchar 2019 is bidh e air treas prionnsapal is iar-sheansalair an oilthigh. Thig e an dreuchd san oilthigh an dearbh latha fhèin air am bi deich bliadhna on a chaidh Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean a stèidheachadh.