Rannsachadh air a dheachdadh leis a’ Ghàidhlig a’ dol ceithir-chànanach ri linn a’ ghlasaidh-shluaidh
Tha luchd-rannsachaidh aig Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean air leudachadh a thoirt air a’ chaochladh chànanan a tha a-nis ri am faighinn air-loidhne aca gus taic a thoirt do ghrunn phròiseactan rannsachaidh ioma-chànanach.
A dh’aindeoin ghalar lèir-sgaoilte COVID-19, tha co-obrachaidhean eadar-nàiseanta le fòcas air clàraidhean ann an coimhearsnachdan ionadail air leantainn orra ann an Èirinn agus na h-Innseachan. Tha tuairisgeulan pròiseict a-nis ri am faighinn air làrach-lìn an oilthigh ann an Gaeilge agus Hindi, a bharrachd air Beurla agus Gàidhlig. Is e dòigh-obrach cheithir-chànanach gun samhail a tha seo agus leudachadh nàdarrach dha Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean, leis mar a tha e 20 bliadhna a’ gabhail uallach air fhèin airson solar dà-chànanach, agus teagasg air-loidhne ann an dòigh ionnsachaidh mheasgaichte.
Mar a mhìnich Gordon Wells, manaidsear pròiseict an lìonra rannsachaidh Ghàidhlig Soillse, aig a bheil prìomh oifis ann an Sabhal Mòr Ostaig UHI ann an Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean:
“Tha èiginn COVID air brosnachadh eile a thoirt dhuinn a bhith a’ leudachadh an fheuma a nithear de dh’innleachdas teignigeach anns a bheil na h-eileanan air thoiseach, agus a bhith a’ co-roinn dhòighean teagaisg is rannsachaidh a bhios gan cleachdadh aig an oilthigh air an robh fòcas air a’ Ghàidhlig sa chiad dol a-mach.
“Tha aon de na pròiseactan coimhearsnachd dha bheil sinn a’ toirt taic, ‘Guthan nan Eilean/Island Voices’, ag amas air glacadh agus curaideachadh cànain. Thòisich e mar phròiseact dà-chànanach, ann an Gàidhlig agus Beurla, ach a-nis tha e a’ toirt a-steach ceithir cànanan deug eile, bho Bhasgais gu Iapanais gu Cuimris, leis gun robh buidhnean eile is ùidh aca ann air feadh an t-saoghail a’ leantainn an adhartais aige, agus ghabh iad ris na stuthan bhidio agus am bathar-bog ionnsachaidh cànain ‘Clilstore’ a bhios e a’ cleachdadh, is chuir iad air ghleus iad do na feuman aca fhèin. Tha e na thoileachas faicinn gu bheil innleachdan a chaidh a thòiseachadh anns na h-eileanan a’ sgaoileadh cho fad is farsaing.”
Thuirt an t-Àrd-ollamh Neil Simco, Iar-phrionnsapal airson Rannsachadh agus Buaidh aig Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean:
“Tha sinn anabarrach mothachail air ar dleastanasan a bhith a’ cur ri inbhe na Gàidhlig agus a bhith a’ leasachadh an fheuma a nithear dhith, agus mar an aon oilthigh a tha air a shuidheachadh gu fiosaigeach agus a’ lìbhrigeadh foghlam aig an treas ìre air feadh na Gàidhealtachd, tha sinn ann an Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean air ar brosnachadh gus feum a dhèanamh den fhiosrachadh agus eòlas a th’ againn gus an rannsachadh agus an conaltradh eadar-nàiseanta againn a dhoimhneachadh.
“Seo eisimpleir eile de mar a tha an t-oilthigh air thoiseach ann a bhith a’ toirt freagairt air iomadachd shòiseo-chànanach ar sgoilearan rannsachaidh agus nan oileanach againn, le bhith a’ cleachdadh teicneòlas ùr gus leasachadh a thoirt air a’ mhodh anns am bi sinn a’ dol an sàs ann an rannsachadh ann an dòighean ùr-ghnàthach agus seasmhach.”
Thuirt an t-Àrd-ollamh Conchúr Ó Giollagáin, Àrd-ollamh Rannsachadh na Gàidhlig aig Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean agus Stiùiriche Institiud nan Saidheansan Cànain a tha air ceann phròiseactan rannsachaidh eadar-nàiseanta leis na h-Innseachan agus Èirinn:
“Tha ar làthaireachd ioma-chànanach air-loidhne a’ nochdadh an t-seallaidh eadar-nàiseanta a th’ againn. Tha e cudromach suidheachadh na Gàidhlig a thuigsinn na cho-theacsa fhèin ach cuideachd sgrùdadh a dhèanamh air mar a tha e an coimeas ri cùisean nas fharsainge a thaobh seasmhachd mhion-chànanan ann an co-theacsa cruinneil. Tha an dùbhlan a thaobh a bhith a’ cumail suas iomadachd chultarach agus cànanach an t-saoghail a’ nochdadh mar aon de na prìomh chùisean sòisio-chultarach san 21mh linn.”