Còcaire soirbheachail a’ cosnadh duais alumni Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean
Chaidh còcaire a choisinn duaisean a thaghadh mar bhuannaiche Dhuais Alumni Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean 2021. Chaidh Lorna McNee (34) à Farrais a thaghadh airson an tiotail mar chomharra air a soirbheachas proifeiseanta agus i air Rionnag Michelin fhaotainn dìreach còig mìosan an dèidh dhi tòiseachadh sa chiad dreuchd aice mar phrìomh chòcaire.
Fhuair Lorna, a cheumnaich le HNC ann an còcaireachd phroifeiseanta bho Cholaiste Mhoireibh UHI ann an 2008, Rionnag Michelin san Fhaoilleach airson a cuid obrach aig Cail Bruich. Is i a’ chiad chòcaire boireann aonair ann an Alba a fhuair rionnag o chionn 20 bliadhna agus an aon chòcaire boireann a fhuair gin a-riamh anns a’ bhaile as motha ann an Alba. B’ i an tè seo a’ chiad rionnag Michelin a thugadh seachad ann an Glaschu o chionn 18 bliadhna.
Thòisich Lorna air a’ chùrsa-obrach aice a’ nighe shoithichean ann an Little Sicily ann am Farrais, mus do chuir i eòlas air an dìoghras agus an tàlant a bh’ aice airson còcaireachd aig Colaiste Mhoireibh UHI. Rè a cuid ionnsachaidh, chaidh àite a thabhann dhi le Gordon Ramsay ann an Taigh-òsta Claridge ann an Lunnainn, agus chaidh aice air a fhrithealadh le taic ionmhasail bho luchd-tabhartais an oilthigh. B’ e seo a thug an spreigeadh airson maoin leasachadh oileanaich an oilthigh a chruthachadh a tha air taic a thoirt do chòrr air 500 oileanach a bhith a’ gabhail pàirt ann an cothroman gus an tàlant a leasachadh tro thiodhlacan bho luchd-tabhartais.
Bho cheumnaich i, chaidh Lorna ainmeachadh mar Chòcaire Sìthne na Bliadhna (2016), Còcaire Albannach na Bliadhna (2017) agus buannaiche farpais Great British Menu a’ BhBC (2019). Bha i ag obair mar phreantas aig Restaurant Andrew Fairlie ann an Gleann Eagas mus deach i gu Cail Bruich mar phrìomh chòcaire san Lùnastal 2020.
Tha duais alumni Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean a’ cliùiteachadh euchdan barraichte nan alumni aige agus ag aithneachadh na buaidhe a bh’ aca air beatha gnothachais, poblach no acadaimigeach. Bidh i ga toirt seachad gach bliadhna do sheann oileanach a tha air soirbheachadh sònraichte a nochdadh nan dreuchd phroifeasanta, a tha air buaidh mhòr a thoirt air a’ choimhearsnachd aca no a tha air dealas agus cuideachadh leantainneach a nochdadh don oilthigh.
Mar bhuannaiche na bliadhna seo, fhuair Lorna triathach bho phrionnsapal agus iar-sheansalair an oilthigh, an t-Àrd Ollamh Todd Walker, agus ceannard leasachaidh agus alumni, Alison Wilson, aig taigh-bìdh Lorna ann an Glaschu.
Agus i a’ bruidhinn mun duais aice, thuirt Lorna: “Is e urram cho mòr a th’ ann a bhith air duais alumni 2021 a chosnadh. Thug an t-oilthigh uimhir dhomh fhad ’s a bha mi ag ionnsachadh an sin, rud a chuidich leam an neach a th’ annam an-diugh a dhèanamh, agus tha mi air leth toilichte gun deach na choilean mi aithneachadh san dòigh seo."
Tha Lorna a’ cur mòran den t-soirbheachas a bh’ aice às leth an fhoghlaim a fhuair i aig Colaiste Mhoireibh UHI agus bidh i fhathast a’ tadhal uair sam bith as urrainn dhi a bhruidhinn ri oileanaich làithreach: “Chan e nach robh an sgoil a’ còrdadh rium, ach cha robh mi uabhasach acadaimigeach. Bha mi riamh fada na bu tìthiche a bhith ag obair le mo làmhan agus bha a’ cholaiste foirfe a thaobh sin. Chaidh tòrr brosnachaidh a thoirt dhomh, rud nach d’fhuair mi roimhe. B’ e togail mhòr a bh’ ann dhomh gun tuirt na h-òraidichean agam gu robh mi fìor sgileil leis na sgeinean agus gu robh an sabhs bechamel agam air a spìosrachadh gu math.”
Thuirt an t-Àrd-Ollamh Todd Walker: “Tha e na thoileachas an duais seo a thoirt do Lorna. Is e buannaiche fìor airidh a th’ innte agus i na deagh eisimpleir de na tha an comas nan alumni againn. Tha sinn an dòchas gum bi an sgeulachd aice na brosnachadh do na h-oileanaich againn agus don 30,000 ball eile de choimhearsnachd nan alumni againn."
Thuirt prionnsapal Cholaiste Mhoireibh UHI, David Patterson: “Tha sinn air leth moiteil à Lorna agus a h-uile rud a fhuair i. Tha sinn taingeil cuideachd airson an dealais a tha i air sealltainn a thaobh obair leantainneach na colaiste gus cruth-atharrachadh a thoirt air beatha dhaoine ann am Moireibh, a’ toirt a-steach a bhith na neach-labhairt urramach air aoigheachd aig ceumnachadh na colaiste againn agus a bhith a’ toirt Prìomh Chòcairean Bhreatainn a-nìos gu Moireibh gus an toireadh iad togail is brosnachadh do na h-oileanaich aoigheachd againn."