Pròiseact ùr an dòchas àm teachdail chamain a dhèanamh cinnteach
Chaidh pròiseact ùr a chuir air bhog gus dèanamh cinnteach gum bi camain air an dèanamh san àm ri teachd - na bataichean fiodha a tha air an cleachdadh airson cluiche iomain.
An-dràsta air an dèanamh le àireamh bheag de shaoir neo-eisimeileach, tha cinneasachadh chamain air a chomharrachadh mar cheàird a tha ann am fìor chunnart.
Tha Comann na Camanachd deiseil airson obrachadh le Colaiste Inbhir Nis UHI gus dèiligeadh ris a’ chùis, a’ buileachadh phròiseasan gnìomhachais an latha an-diugh gus co-obrachadh luchd-saothrachaidh a leasachadh. Tha an iomairt còig mìosan air maoineachadh fhaighinn bho sgeama eàrlas ùr-ghnàthachaidh Riaghaltas na h-Alba a bhios a’ brosnachadh co-obrachadh eadar buidhnean, gnìomhachasan agus an saoghal acadaimigeach.
Tha an t-òraidiche gnìomhachais agus riaghlaidh Dàibhidh Jack a’ stiùireadh a’ phròiseict aig Colaiste Inbhir Nis UHI. Tha e ag ràdh: “Tha Iomain mar aon de na spòrsan as sine agus tha camain cudromach ann an Alba mar phàirt deatamach den gheama. Leis gu bheil dèanamh chamain na cheàird a tha ann am fìor chunnart, tha Comann na Camanachd a’ coimhead airson dòighean ùr-ghnàthach gus am pròiseas saothrachaidh a dhèanamh nas seasmhaiche. Is e ar prìomh amas a bhith a’ toirt taic do fheadhainn a tha a’ dèanamh chamain a bhith ag obair còmhla gus an urrainn dhaibh eòlas, beachdan a cho-roinn agus buannachdan barrachd co-obrachaidh a thoirt gu buil.”
Tha am pròiseact chamain mar phàirt de cho-obrachadh nas fharsainge eadar Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean agus Comann na Camanachd. Tha an dà bhuidheann air an ainm a chur ri meòrachan tuigse gus obrachadh còmhla gus sgrùdadh a dhèanamh air cothroman mu thimcheall obair shaor-thoileach, eòlas obrach, foghlam is trèanadh, coidseadh agus mothachadh coimhearsnachd.
A’ bruidhinn mun aonta, thuirt Derek Keir, Àrd-Oifigear na Camanachd: “Is e eisimpleir air leth a tha sa phròiseact seo de na planaichean com-pàirteachais a th’ againn le Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean, agus tha e a’ leigeil fhaicinn gu soilleir nam buannachdan a tha an lùib obair com-pàirteachais airson fàs a thoirt air an lìonra taice airson na camanachd agus nan coimhearsnachdan fa leth againn. Is e a’ chamanachd as clach-oisein do dh’iomadh coimhearsnachd air a’ Ghàidhealtachd agus chan eil sa phròiseact airson taic a thoirt do dhèanamh chaman ach aon dòigh a bhios comas aig na coimhearsnachdan againn buil a dhèanamh den chom-pàirteachas acadaimigeach ùr againn leis an oilthigh. San àm a tha air thoiseach tha sinn an dòchas cuideachd obair a thoirt air aghaidh airson tuillidh iomlaid sàr-eòlais a ghabhail a-steach cho math ri barrachd ceangail ri trèanadh luchd-teagaisg sa Ghàidhealtachd is na h-Eileanan.”
Thuirt an Dr Iain Moireasdan, Deadhan Oileanaich Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean: “Tha am pròiseact chamain na dheagh eisimpleir de na co-obrachaidhean a tha anns an dàimh ùr seo. Tha an aon seòrsa cruinn-eòlais againn, freumhan sòisio-chultarach agus miann làidir air taic a thoirt do choimhearsnachdan ionadail air feadh na Gàidhealtachd agus nan Eilean. Tha ar com-pàirteachas mar phàirt riatanach de shoirbheachadh ar coimhearsnachdan agus tha ar coimhearsnachdan bunaiteach don ro-innleachd agus don obair againn, agus mar sin tha sinn moiteil a bhith ag obair gu dlùth leis an spòrs sgioba as suaicheanta ann an Alba.”