Fear-gnothachais à Leòdhas air a chur an dreuchd mar stiùiriche sgìreil an oilthigh airson foghlam adhartach
Chaidh Aonghas Caimbeul a chur an dreuchd air cùirt Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean mar stiùiriche sgìreil airson foghlam adhartach.
San dreuchd regaled chudromach seo, oibrichidh Aonghas às leth foghlam adhartach san oilthigh an dà chuid aig an ìre sgìreil agus nàiseanta mar fhear de 13 de stiùirichean sgìreil a tha air an suidheachadh air feadh na h-Alba.
Is e an obair a bhios aige dèanamh cinnteach gun coilean a’ chùirt a dleastanasan agus a lèirsinn airson foghlam adhartach, mar phàirt den raon-ùghdarrais aice mar a’ bhuidheann ro-innleachdail sgìreil airson foghlam adhartach agus àrd-ìre, agus gum bi ro-innleachdan agus planaichean a thig às sin a rèir nan sgilean a dh’fheumas an sgìre.
Bha Alastair MacColla, cathraiche chùirt an oilthigh air leth toilichte fàilte a chur air don dreuchd chudromach seo: “Tha sinn air leth toilichte fàilte a chur air Aonghas gu cùirt an oilthigh anns an dreuchd seo a tha fhathast deatamach gus dèanamh cinnteach gum bi na colaistean uile nar com-pàirteachas ag obair còmhla gus coinneachadh ri feumalachdan nan coimhearsnachdan aca fhèin agus an sgìre san fharsaingeachd.
“Bidh sinn a’ tabhann uimhir a bharrachd do na h-oileanaich againn agus tha sinn ann an deagh shuidheachadh a bhith a’ stiùireadh earrainn nan colaistean is nan oilthighean ann an Alba oir tha sinn a’ cothlamadh foghlam adhartach agus àrd-ìre leis an dòigh-obrach shònraichte agus in-ghabhaltach againn.
“Tha Aonghas iomchaidh a bhith air a thaghadh airson na dreuchd agus fìor thìtheach a bhith a’ cruthachadh chothroman do dhaoine a bhith a’ fuireach, ag obair agus ag ionnsachadh san sgìre againn. Tha pailteas gnàth-eòlais aige air seirbheis phoblach, agus e a’ tuigsinn is ag aithneachadh na tha a dhìth air na coimhearsnachdan againn.”
Bha Aonghas na chomhairliche agus na cheannard air Comhairle nan Eilean Siar, na leas-chathraiche air Nàdar na h-Alba agus na chathraiche air Bòrd Coimhearsnachd neo-eisimeileach CalMac agus tha e a’ riochdachadh HIE air cùirt an oilthigh bhon t-Sultain 2020. Tha ceangal làidir aige cuideachd ris a’ Ghàidhlig agus dealas do a taobh.
Agus e a’ bruidhinn mun dreuchd aige thuirt e fhèin: “Tha mi gu mòr a’ cur fàilte air a’ chothrom mo phàirt a chluich ann an àrd-amas an oilthigh airson foghlam adhartach. Is e àm a tha seo anns a bheil cothroman eaconamach ùra agus fìor dhùbhlain air feadh na sgìre againn. Cluichidh an t-oilthigh againn pàirt uile-chudromach ann a bhith a’ dèanamh cinnteach gum bi gach neach agus coimhearsnachd air chomas làn phàirt a ghabhail ann an ro-innleachd foghlaim adhartach bhuntainneach a bhios air thoiseach san earrainn, agus gum faigh iad uile buannachd aiste.
Tòisichidh Aonghas Caimbeul san dreuchd aige air 25 Dàmhair 2021.