Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean a’ fastadh ceannard ùr altraim is mnathan-glùine
Tha Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean air stiùiriche ùr fhastadh airson na roinne altraim is mnathan-glùine. Bidh an Dr Nicola Carey a’ tighinn don oilthigh mar Cheannard Roinn an Altraim agus Mnathan-glùine as t-fhoghar.
À Stockton on-Tees bho thùs, tha an Dr Carey an-dràsta na Leughadair agus na ceannard airson nan suidheachaidhean fad-ùine agus aoiseachaidh taobh a-staigh Sgoil nan Saidheansan Slàinte aig Oilthigh Surrey. Ron àm seo, bha i ag obair ann an grunn dhreuchdan ann am prìomh-chùraim mar bhanaltram lèigh-lainne, banaltram choitcheann agus mar neach-oideachaidh altraim ann an roinn an oilthighe, le ùidh shònraichte ann am banaltrachd coimhearsnachd. Chuir i seachad dà bhliadhna anns na Stàitean Aonaichte fhad ’s a bha i a’ dèanamh a Maighstireachd ann an slàinte a’ phobaill ann am foghlam slàinte coimhearsnachd. Tha na raointean rannsachaidh aice a’ toirt a-steach sgrùdaidhean nàiseanta is eadar-nàiseanta air leasachadh sgioba-obrach, òrdachadh neo-mheidigeach agus leasachadh càileachd.
Tòisichidh an Dr Carey na dreuchd air Diluain 25 Dàmhair agus gabhaidh i àite an Àrd-ollamh Annetta Nic a’ Ghobhainn a bhios a’ leigeil dhith a dreuchd aig deireadh an Iuchair. Bidh i stèidhichte aig an Ionad Saidheans Slàinte ann an Inbhir Nis.
A’ bruidhinn mun dreuchd aice, thuirt an t-Àrd-Ollamh Todd Walker, Prionnsapal agus Iar-Sheansalair an oilthighe: “Tha sinn air leth toilichte gu bheil an Dr Carey a’ tighinn a-steach don Roinn Altraim agus Mnathan-glùine againn. Tha beairteas de eòlas aice ann an rannsachadh, foghlam agus ceannardas taobh a-staigh banaltrachd, a’ nochdadh a h-obair mhòr taobh a-staigh roinn nan oilthighean agus mar bhanaltram proifeiseanta. Tha sinn a’ coimhead air adhart ri bhith a’ cur fàilte oirre as t-fhoghar agus a’ guidhe gach soirbheachas don Ollamh Annetta Nic a’ Ghobhainn airson cluaineas fada agus toilichte.”
Thuirt an Dr Carey: “Tha mi air leth toilichte a bhith a’ tighinn don Roinn Altraim agus Mnathan-glùine aig Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean aig àm cho brosnachail. Tha mi a’ coimhead air adhart ri bhith ag obair le co-obraichean ùra gus tuilleadh leasachaidh a dhèanamh air comas foghlaim is rannsachaidh agus taic a thoirt do dh’oileanaich agus co-obraichean altraim san obair chudromach a tha iad a’ dèanamh. Tha a bhith ag obair aig Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean a’ toirt chothroman air leth airson an ath ghinealach de bhanaltraman agus luchd-rannsachaidh san raon a leasachadh - tha e na bhuidheann soirbheachail agus tha mi air mo bhrosnachadh gu mòr leis an dreuchd ùr agam."
Thuirt an t-Àrd-Ollamh Neil Simco, Leas-Phrionnsapal (Rannsachadh agus Buaidh): “Tha mi a’ coimhead air adhart ri bhith a’ cur fàilte air Nicola chun na dreuchd ùir as t-fhoghar. Mar bhanaltram agus neach-oideachaidh banaltrachd, tha eòlas mòr aice air rannsachadh, foghlam agus ceannardas a fhuair i thar grunn bhliadhnaichean an dà chuid ann an obair lèigh-lainne agus ann an roinn nan oilthighean. Mar sin tha Nicola ann an suidheachadh math airson togail air euchdan mòra na roinne gu ruige seo agus tha mi a’ guidhe gach soirbheachas dhi san dreuchd inntinnich seo."