Suirbhidh air ainmeachadh gu rùintean cruthachail a choileanadh
Tha ionad obair cruthachail Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean airson cluinntinn bho ghnothachasan cruthachail, luchd-obrach agus luchd-proifeasanta ann an Sealltainn, Arcaibh agus Innse Gall mar phàirt de rannsachadh air buaidh eacanomaigeach agus shòisealta air roinn obair cruthachail nan eilean.
Tha an t-suirbhidh fosgailte gu meadhan-oidhche air Diluain 19 Iuchar, don a h-uile a tha an sàs anns gach cuibhreann de na h-ealain agus gnìomhachasan cruthachail, bho luchd-ceumnachaidh gu luchd-stèidhichte, agus chan ann a-mhàin ag amas air feadhainn a tha anns na h-eileanan an-dràsta ach cuideachd feadhainn a’ miannachadh tighinn no tilleadh a dh’obair agus a dh’fhuireach anns na h-eileanan. Tha e deatamach freagairtean fhaighinn gus am bi dealbh soilleir againn air dè na feumalachdan phroifeasanta agus prataigeach a tha dhìth san roinn.
Bidh toradh na suirbhidh a toirt buaidh air leasachadh “Prògram Soirbheas Eileanan Cruthachail” ann an Cùmhnant Fàs nan Eilean, a tha ag amas air lìonraidhean ùr de dh’ionadan gnìomhan cruthachail agus ùr-ghnàthas soirbheis, le taic bho in-thasgadh de c£6m bho Riaghaltasan na h-Alba agus an Rìoghachd Aonaichte.
Thuirt an t-Ollamh Keith Mac an t-Saoir, stiùiriche eadar-amail aig ionad an oilthigh a ghabh uallach na suirbhidh as leth com-pàirtichean Chùmhnant nan Eilean:
"Tha ar n-eileanan nan stòras mac-meanmnail do luchd-ealain, luchd-dealbhaidh, luchd-filmichean agus gnothachasan cruthachail ag obair ann an iomadh roinn. Tha e air leth cudromach a thaobh leasachadh a’ phrògraim gu bheil sinn a cur fòcas air sònrachadh agus tuigsinn na cothroman ionadail agus prìomhachasan nan coimhearsnachdan.
“Tha sinn airson bun-stèidh a chur air bhonn a ghlèidheas ar luchd-smaoin tàlantach, luchd-dèanamh dè gach seòrsa, agus cuideachd a tàladh tàlant tionnsgainneach agus gnothachasan às ùr do dh’eaconamaidh ar n-eileanan.
“Mar sin, ma tha sibh an sàs ann dealbhadh fasan, grafaigean no bathar no ag obair a thaobh telebhisean, filmichean, beò-dhealbhadh, dealbhadh gheamachan no neach-ealain ag obair ann an Sealltainn, Arcaibh agus Innse Gall, bhiodh e sònraichte feumail nan gabhadh sibh pàirt san t-suirbhidh. Bidh seo na chuideachadh dhuinn data riatanach a chruinneachadh gu dearbhadh mar a thèid stòras a chleachdadh san àm ri teachd gus an tig fàs seasmhach air ar eaconamaidh cruthachail.”
Thuirt an Comh. Rodaidh MacAoidh, Ceannard Chomhairle nan Eilean Siar, às leth com-pàirtichean ùghdarrasan ionadail ann an Cùmhnant Fàs nan Eilean:
“Tha na tagraidhean airson in-thasgadh ann an roinn nan gnìomhachasan cruthachail tron Chùmhnant Fàs mar tha ag aithneachadh an cliù làidir aig Arcaibh, Sealltainn agus Innse Gall mar sàr ionadan cruthachail, le brosnachadh bhon àrainneachd agus cultar saidhbhir nan eilean, còmhla ri na fìor chothroman a th’againn airson an tuilleadh leudachaidh. Bidh freagairtean na suirbhidh deatamach ann a bhith a sònrachadh miannan fàis luchd-obrach san roinn chruthachail agus an taic a tha dhìth gus na h-àrd amasan sin a choileanadh.”.
Gu pàirt a ghabhail san t-suirbhidh rachaibh gu Dùnadh aig meadhan-oidhche air 19 Iuchar 2021.